Dà lioncs eile mu sgaoil air a' Ghàidhealtachd

LioncsTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh dà lioncs eile fhaicinn san sgìre far an deach a dhà de na beathaichean a ghlacadh Diardaoin.

Thuirt Poileas Alba gun d' fhuair iad aithris goirid às dèidh 07:00 madainn Dihaoine gun deach na cait fhiadhaich fhaicinn faisg air Ceann a' Ghiùthsaich.

Tha na poilis ag ràdh gu bheil coltas ann gu bheil seo ceangailte ri mar a chaidh an dà lioncs eile fhaicinn san sgìre Diciadain.

Fhuaireadh lorg orrasan Diardaoin is tha iad a-nise gan cumail ann am Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Mar a chaidh dà lioncs eile a ghlacadh Diardaoin

Rinn Comann Ainmh-eòlach Rìoghail na h-Alba (RZSS) càineadh air mar a chaidh na cait fhiadhaich a leigeil mu sgaoil is thuirt iad gum biodh iad air bàsachadh mura biodh eòlaichean air lorg fhaighinn orra.

Tha na poilis a-nise ag obair le eòlaichean às ùr gus an dà lioncs eile a ghlacadh.

Thuirt iad nach bu chòir do dhaoine a dhol faisg air na cait.

Tha iad ag ràdh cuideachd gu bheil rannsachadh a' leantainn mun dà chùis.

Thuirt an NFU gu bheil iad gu tur an aghaidh lioncs a thoirt air ais a dh'Alba is rinn iad càineadh air mar a chaidh na beathaichean a leigeil mu sgaoil.

LioncsTùs an deilbh, RZSS