Cath nan Eun ann an Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Chuir Comhairle na Gàidhealtachd plana air adhart airson dèiligeadh ri faoileagan ann an Inbhir Nis.
Tha faoileagan air an dìon fon lagh, agus iad air am meas ann an cunnart.
Tha an t-ùghdarras ionadail air gearanan fhaighinn mun fhuaim agus an salachar a nì faoileagan, a thuilleadh air an dol a-mach aca le bhith a' goid biadh à làmhan dhaoine air an t-sràid, agus a' toirt stuth a-mach à bionaichean.
Am measg nan roghainnean a tha iad air a chur sa phlana, tha a bhith a' cleachdadh seabhagan eadar an Gearran agus am Màrt airson ruaig a chur air na faoileagan, agus iomairt gus toirt air daoine sgur a bhith gam biathadh.
Bheirear seann neadan air falbh cuideachd, gus a dhèanamh nas duilghe do na h-eòin neadachadh.
Thèid cuideachd uidheaman leithid bhioran agus nithean dealrach a chur an sàs airson an t-eagal agus bacadh a chur air faoileagan o bhith a' neadachadh air mullaichean thogalaichean.