Neil Gray: 'Chan eil Ospadal a' Bhelford ann an staid math gu leòr'

- Air fhoillseachadh
Dh'aidich Rùnaire na Slàinte, Neil Gray, nach eil Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearasdan ann an staid math gu leòr.
Bha e a' tadhal air an ospadal an cuideachd an Leas-Phrìomh Mhinisteir, Ceit Fhoirbeis, ach am faiceadh e fhèin staid an togalaich.
Chuala e cuideachd bho luchd-iomairt a tha sàraichte le bhith a' feitheamh deugachadh bhliadhnaichean airson ospadail ùir.
"Tha e gu math soilleir gu bheil an luchd-obrach agus na h-euslaintich an seo a' fulang togalaich nach eil math gu leòr," thuirt Mgr Gray.
"Tha sin air a dhèanamh soilleir thairis air na h-uimhir de bhliadhnaichean.
"Gu follaiseach, tha sinn airson tighinn air adhart leis an airgead-chalpa a chuireadh ospadal ùr an àite a' Bhelford.
"Tha dùbhlain romhainn a thaobh airgid chalpa, 's tha daoine gu math mothachail dhiubh sin.
"Feumaidh sinn tighinn air adhart le buidseat a nì prògram seasmhach a' dol air adhart, agus 's e sin as coireach gum bi e air leth cudromach gum faic sinn buidseat na Rìoghachd Aonaichte agus na thig air adhart an sin, agus an uair sin cuidichidh sin sinne leis na co-dhùnaidhean buidseit againn fhèin," thuirt e.