Chico : Muncaidh na Hearadh
- Air fhoillseachadh
Tha daoine air feadh an t-saoghail air a bhith air am beò-ghlacadh an t-seachdain seo le sgeulachd Honshu, am muncaidh a theich bho Phàirce Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd faisg air an Aghaidh Mhòir.
Chaidh lorg fhaighinn air Diardaoin, ach cha b' e an aon mhuncaidh a bha riamh aithnichte air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.
Bha Chico a' fuireach anns an Taobh Tuath anns na Hearadh anns na 1960 agus 70an. Muncaidh beag a bh' ann, a thàinig dha na Hearadh às an Eilean Sgitheanach.
Bha taigh air a thogail dha Chico ri taobh an t-seann gharaids sa bhaile agus bhiodh daoine bho fhad is farsaing a' cèilidh air.
Cead do stuth Twitter?
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.
Tha cuimhne mhath aig Magaidh NicLeòid air Chico, is co-ogha dhi air a thoirt dha na Hearadh.
"Bha e againn dhà no trì bliadhnaichean", thuirt i, "is bha sinn a' fàs sgìth dheth. Chuala am fear leis an robh a' gharaids anns an Taobh Tuath, Iain Moireasdan, chuala e mu dheidhinn a' mhuncaidh agus bha e airson fhaighinn."
Thug Iain Moireasdan am muncaidh bho theaghlach Mhagaidh NicLeòid agus chuir e air dòigh gum biodh àite freagarrach ann dha.
"Bha fear air a b'ainm Toman, à Mànais", dh'innis Magaidh, is i a' cuimhneachadh mar a chaidh còimhead às dèidh Chico.
"Bha e a' togail taigh aig àireamh 14, agus fhuair an Toman òrdugh taigh a thogail dhan mhuncaidh.
"Chaidh sin a dhèanamh, bha an taigh air a lìnigeadh agus a h-uile càil, bha fiù 's cumhachd an dealain aige.
"Bha a h-uile duine riamh tighinn a' coimhead air a' mhuncaidh. Bha e cho annasach!"
Ged nach robh mòran mheasan ann am bùithean na Hearadh aig an àm, bhiodh Iain an còmhnaidh a’ faighinn òrdugh bho Hugh Mathesons ann an Steòrnabhagh air a shon.
A dh'aindeoin cho measail 's a bha daoine anns an Taobh Tuath air Chico, b' e suidheachadh duilich a thug bàs dha.
Chaidh an dealan dheth tron oidhche is droch stoirm ann, agus ged a chaidh Chico a thoirt a-steach tràth sa mhadainn an ath là, bha am fuachd air buaidh a thoirt air.
Bhàsaich Chico beagan làithean às dèidh na stoirme, ach bha e na shamhla air an urram a bh' aig muinntir an Taobh Tuath dha gun d' fhuair e tiodhlaigeadh ceart sa bhaile.