Mì-thoileachas mu thaighean-beaga Ghoillspidh

GoillspidhTùs an deilbh, David Dixon/Geograph
  • Air fhoillseachadh

Tha mì-thoileachas ann an Goillspidh gu bheil taighean-beaga poblach a' bhaile fhathast dùinte, agus seusan na turasachd air tòiseachadh.

'S iad Comhairle na Gàidhealtachd a tha an urra ris na taighean-beaga, ach chaidh an dùnadh deireadh na bliadhna an-uiridh an dèidh mar a chaidh milleadh a dhèanamh.

Tha muinntir an àite ag ràdh gu bheil mar a tha iad fhathast dùinte ga fhàgail nas doirbhe luchd-turais a thàladh chun na sgìre.

"Tha e gam fhàgail brònach," thuirt Iain Moireach a tha a' fuireach ann an Goillspidh.

"Brònach gach cuid airson an luchd-turais agus muinntir an àite.

"Cha thuig mi idir mar a ràinig sinn an ìre seo le goireasan poblach, ma choimheadas mi air ais - agus cha chreid mi gur ann tro speuclairean meallaidh - chan eil cuimhne agam gun robh e na dhuilgheadas taighean-beaga a chumail fosgailte roimhe.

"Ach anns an deich bliadhna a dh'fhalbh no mar sin is coltach gur e dùbhlan air choireigin a th' ann, 's tha seo gu tric ri linn maoineachaidh.

"Mar a tha mise ga choimhead, tha sinn ag ràdh "Fàilte a dh'Alba" "Fàilte chun na Gàidhealtachd" agus sinn ri sanasachd 's ag iarraidh gun tig daoine, ach chan eil sinn dad nas fheàrr na an ceangal as laige san t-sèine.

"'S e an ceangal sin an seo ach Comhairle na Gàidhealtachd.

"Chan eil Comhairle na Gàidhealtachd a' toirt seachad nan goireasan do dhaoine," thuirt e.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' feitheamh air doras ùr a chuireas iad ri taigh-beag nam fear mus fosgail iad an goireas às ùr.

Thuirt neach-labhairt cuideachd gu bheil an taigh-beag do dhaoine ciorramach fhathast fosgailte.