Bean chiorramach naoi seachdainnean a' cadal ann am bhana aig Ospadal an Ràthaig Mhòir

NHS na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Thuirt boireannach a bhios a' cleachdadh cathair-chuibhle gun tàinig oirre cadal ann am bhana ann an raon-parcaidh ospadail tro naoi seachdainnean fhad 's a bha an duine aice tinn.

Cha deach aig an Dr Caroline Gould air àite-fuirich fhaiginn ann an Inbhir Nis leis na bha de dh'iarrtas air leapannan taigh-òsta, an dèidh dhan duine aice, Denis, a bhith ga chur a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir bhon ospadal ionadail aca san Eilean Sgitheanach.

Bha dùil aig Mgr Gould gum faigheadh e dhachaigh Dimàirt, ach cha robh am pacaiste cùraim mun deach bhruidhinn o chionn trì seachdainnean air a chur air dòigh fhathast.

Tha an Dr Gould, a tha ag obair mar neach-measaidh cothroim san Eilean Sgitheanach, a' fàgail air bòrd na slàinte gun do rinn iad bùrach den chùis.

Thòisich an suidheachadh o chionn naoi seachdainnean nuair a dh'fhàs Mgr Gould, a tha le tinneas an t-siucair, tinn ri linn trioblaid le àirnean.

Lìon a sgamhainnean le uisge, 's bha duilgheadas analachaidh aige. Bha cuideachd geur-phìan na mhaothan.

Chaidh a thoirt ann an ambaileans a dh'Ospadal an Àth Leathainn.

Thuirt a bhean gun robh luchd-meadaigeach ag iarraidh a chur a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis, ach nach robh cothrom an sin air leabaidh a' chiad ghreis.

Thuirt an Dr Gould gun tug dotair rabhadh dhi gun robh cunnart ann gum faodadh an duine aice bàsachadh le cho dona 's a bha a shuidheachadh.

Chaidh leabaidh a lorg dha ann an aonad àrd-eisimeil an Ràthaig Mhòir, ach cha deach aig an Dr Gould air àite-fuirich freagarrach ann an taigh-òsta a lorg dhi fhèin gus an deadh aice air tadhal air.

Fhuair i gum feumte seòmraichean ann an taighean-òsta a bha freagarrach air cathraichean-cuibhle a bhucadh ro làimh, rud nach b' urrainn dhi a dhèanamh leis gun do dh'fhàs Mgr Gould tinn gu h-obann, agus cha robh cothrom ann bucadh aig a' mhionaid mu dheireadh leis na bh' ann de dh'iarrtas.

Lìon i baga gu luath agus rinn i air Inbhir Nis anns a' bhana aice, a th' air a dhealbh airson dràibhearan a chleachdas cathair-cuibhle.

Ach dh'innis i don BhBC nach robh dùil aice gun tigeadh oirre fuireach cho fada.

"Bùrach mòr uabhasach"

Thuirt an Dr Gould gun robh cuid de luchd-nursaidh "mìorbhaileach" an Ràthaig Mhòir air feuchainn ri àite-fuirich a lorg dhi, ach nach robh dad ann a fhreagradh air a cuid fheumalachdan.

"Bha agam ri chadal sa chathair-chuibhle agam, am broinn a' bhana aig raon-pharcaidh Ospadal an Ràthaig Mhòir," thuirt i.

"Rinn mi sin airson ùine mhòir. Bha i gu math fuar.

"B' fheudar dhomh an einnsean a chur gu dol grunn tursan tron oidhche feuch am bhana a bhlàthachadh."

Leis gun robh i ann an cabhag faighinn a dh'Inbhir Nis cha tug i leatha plangaidean sam bith, gun ach plaide aotrom no dhà sa bhana.

Bha i san ospadal còmhla ris an duine aice a' mhòr-chuid den ùine.

Leis gun robh i cho fuar am broinn a' bhana, thàinig oirre cumail blàth tron oidhche ann an trannsa faisg air doras an ospadail.

Thuirt an Dr Gould, an dèidh piseach a thighinn air an duine aice, gun deach innse dhaibh o chionn trì seachdainnean, air an 28mh là den t-Samhain, gum faodadh e tilleadh dhachaigh Dimàirt.

Ach thuirt i nach do thachair sin leis gun robh cuid de dh'uidheam mheadaigeach fhathast gun a lìbhrigeadh, 's nach robh luchd-cùraim rim faighinn.

"Tha Denis a' cur feum air cùram ath-chomasachaidh le dithis, seachd là san t-seachdain, ach chaidh innse dhuinn nach b'urrainn dhaibh, an seo san Eilean Sgitheanach, ach dithis a chur thugainn trì là san t-seachdain."

Tha an duine aice cuideachd a' feitheamh measaidh a bharrachd, thuirt i.

Dh'fhàg an Dr Gould air NHS na Gàidhealtachd gun do rinn iad "bùrach mòr uabhasach" den chùis.

"Tha mi air mo chlaoidh gu tur. Dìreach briste. Saoilidh mi gun d' fhuair mi, sa bhitheantas, ceithir uairean de thìde cadail gach oidhche airson nan naoi seachdainean mu dheireadh.

"'S e na tha buileach sàrachail, gum faigh luchd-tadhail eile a tha a' cèilidh air daoine san ospadal air an gabhail nan gàirdean, pòg a thoirt dhaibh 's an làmhan a chumai. Chan fhaigh mise faisg air Denis leis gu bheil mi ann an cathair-chuibhle.

"Tha e air a bhith suasadach-sìosadach dhasan - piseach a' tighinn 's an uair sin a' dol am miosad.

"Tha e dìreach ag iarraidh dhachaigh."

Dùbhlan

Thuirt NHS na Gàidhealtachd: "Fhad 's nach fhaod sinn bruidhinn mu shuidheachadh euslaintich fa-leth, tha sinn gu math duilich nach deach againn air an duine seo fhaighinn dhachaigh.

"Tha sinn ann an còmhraidhean cunbhalach agusn mionaideach leis agus le a theaghlach gu dìreach.

"Tha reachdas a thaobh Taic Fèin-stiùirte cuideachd an àite a tha a' cuideachadh le roghainnean taice, a' toirt a-steach daoine a bhith a' fastadh an luchd-cùraim fhèin, agus tha sinn toilichte taic agus comhairle a thoirt dhaibhsan a tha ag iarraidh sin a dhèanamh.

"Thèid aig an sgioba aoigheachd againn cuideachd air bruidhinn mu na roghainnean a th' ann dhan teaghlach anns na h-àiteachan-fuirich a th' againn air làrach an ospadail. Bidh luchd-obrach uàirde toilichte an cur an conaltradh ma tha iad ag iarraidh sin a thoirt air adhart.

"Tha dùbhlan leantainneach romhainn a thaobh fastaidh agus glèidheadh luchd-obrach air feadh nan seirbheisean slàinte agus cùraim gu lèir againn; tha dùbhlan nach beag ann a thaobh seirbheisean maireannach cùraim san dachaigh.

"Chan eil sinn leinn fhèin san t-suidheachadh seo, agus tha e ri fhaicinn air feadh na dùthcha gu lèir, gu h-àraid ann an coimhearsnachdan iomallach agus dùthchail.

"Tha sinn a' gabhail na h-uimhir de cheumannan a dh'ionnsaigh fastaidh, le taic choimhearsnachdan ionadail.

"Tha sinn air a bhith ag obair le riochdairean na coimhearsnachd ionadail san Eilean Sgitheanach, agus ann an co-bhann le Urras Coimhearsnachd Phort Rìgh 's a' Bhràighe gus piseach a thoirt air an t-sanasachd againn airson obraichean, agus a thaobh luchd-obrach a ghlèidheadh.

"Tha seo a' toirt a-steach an t-Urras a bhith a' leasachadh stuthan a tha a' sanasachd an Eilein Sgitheanaich mar shàr-àite còmhnaidh agus obrach.

"Tha sinn mar thà air na h-uimhir de shoirbheachas fhaicinn le gach cuid luchd-obrach Cùram san Dachaigh agus Nursaidh.

"Tha seo ge-tà, fhathast na dhùbhlan dhuinn, agus leanaidh an obair seo."