Ceistean às ùr ann an saoghal na camanachd

Cupa na Camanachd
  • Air fhoillseachadh

"Bha Inbhir Aora stobte le daoine an oidhche 'ud. Bha pìobairean ann. Daoine a' crochadh a-mach às na h-uinneagan.

"Làithean mar sin, sin as coireach gu bheil thu a' cluich iomain. Dhut fhèin, 'son do theaghlaich is 'son do bhaile, thug e a h-uile duine còmhla".

'S ann mar sin a mhìnich Dàibhidh Mac a' Phearsain à Inbhir Aora na bha e a' ciallachadh Cupa na Camanachd a bhuannachadh.

Bhiodh daoine à sgìrean eile air feadh na Gàidhealtachd a' tuigsinn dè dìreach a bha 'Macca' ag ràdh.

Na Sgitheanaich is iad fhèin am-bliadhna a' comharrachadh 35 bliadhna bhon là iomraiteach nuair a chaidh an cupa ainmeil air ais dhan Eilean, no na nàbaidhean aca Ceann Loch Seile ann an 2021. Agus gu leòr eile.

Chaidh togail air faclan Dàibhidh chòir a-rithist nuair a bha BBC Naidheachdan ag aithris beò air taghadh Chupa na Camanachd sa Ghearran.

Thàinig geamaichean air leth tarraingeach às an ad an là sin is a h-uile duine air bhioran gun robh prìomh fharpais na h-iomain air ais - agus a' chuairt dheireannach gus tilleadh gu Pàirc a' Bhucht, a bhios air a h-ùr-sgeadachadh nuair a bhios a' chuairt dheireannach ann san t-Sultain.

Dàibhidh Mac a' Phearsain is a theaghlach le Cupa na Camanachd ann an 2004Tùs an deilbh, Teaghlach Mac a' Phearsain
Fo-thiotal an deilbh,

Dàibhidh Mac a' Phearsain is a theaghlach le Cupa na Camanachd ann an 2004, a' chiad turas a bha Inbhir Aora air a bhuannachadh bho 1930

'S mòr an tàmailt a bh' ann Disathairne ma-tha nuair nach deach a dhà de na geamaichean a bha air an taghadh air adhart idir is e air fàiligeadh air dà chluba sgioba a chur air a' phàirc.

Chan e trioblaid ùr a tha seo is e air tachairt grunn tursan mar-thà bho thòisich an seusan seo fhèin sa Mhàrt.

Ach ann an Cupa na Camanachd - an cupa a tha a h-uile cluicheadair 'son buannachadh? An cupa, mar a mhìnich Dàibhidh Mac a' Phearsain, a tha a' toirt choimhearsnachdan còmhla?

Cha bhiodh duine 'son na clubaichean fhèin nach b' urrainn cluich a chronachadh.

Ann an cùis Cille Mhoire, thabhainn an cluba fiù 's leisgeul, taobh a-muigh do Chomann na Camanachd agus Loch Abar (agus Comann MhicAmhlaidh is Camanachd an Òbain, is iad air tarraing a-mach à Cupa MhicAmhlaidh cuideachd).

Thuirt Cille Mhoire gun robh an suidheachadh "air mì-chofhurtachd mhòr adhbharachadh" dhaibh.

Ged a tha iad a' dol tro àm dhoirbh, thuirt iad, tha iad 'son dèanamh cinnteach nach tachair e a-rithist.

Na Sgitheanaich le Cupa na Camanachd 1990
Fo-thiotal an deilbh,

1990 agus an là as fheàrr ann an eachdraidh fhada Camanachd an Eilein Sgitheanaich

Tha fios gun robh an cluba eile a tharraing a-mach, Ceiltich an Òbain, a cheart cho mì-chofhurtail.

Thàinig orrasan tarraing a-mach às an Lìog Nàiseanta an-uiridh is iad sìos gu aona sgioba.

'S e adhbhar gàirdeachais a bh' ann an cluba fhaicinn a' farpais am-bliadhna is iad air tòiseachadh gu làidir ann an Lìog Deas 1.

Tha e follaiseach gu bheil gnothaichean mar thrioblaidean eaconamach, staing an taigheadais is crìonadh-sluaigh a' toirt buaidh air a' Ghàidhealtachd, rudan a tha a' dol fada nas doimhne na dad a nì buidheann riaghlaidh spòrs.

Ach le sreath gheamaichean air an cur dheth thairis air grunn fharpaisean - fiù 's a-nise ann an Cupa na Camanachd - is Srath Chura-Dùn Omhain air tagradh a dhèanamh airson taice, taobh a-muigh is iad ag ràdh gu bheil iad fhèin agus sgiobaidhean eile a' faighinn tàire cluicheadairean gu leòr fhaighinn - tha ceistean bunaiteach ann do Chomann na Camanachd.

Ceistean a tha, a rèir choltais, a' bualadh gu seachd àraid air a' cheann a deas.

Dh'innis an Comann dhan BhBC an t-seachdain seo gu bheil iad ag aithneachadh gu bheil "dùbhlain aig cuid de chlubaichean le a bhith a' siubhal astar fada - gu h-àraidh 'son cluich an aghaidh chlubaichean aig ìre nas àirde."

Fionnlagh MacRathle Cupa na Camanachd ann an 2021.
Fo-thiotal an deilbh,

Fionnlagh MacRath is Ceann Loch Seile a' dèanamh eachdraidh ann an 2021

Tha feum air obair mhòr shaor-thoileach, thuirt iad, airson na geamaichean seo a choileanadh.

"Tha Cupa na Camanachd aig cridhe fèin-aithne ar spòrs ge-tà, is cothrom air eachdraidh a dhèanamh is air làithean nach tèid air dìochuimhne", thuirt fear-labhairt bho Chomann na Camanachd.

"Tha sinn taingeil do chlubaichean a tha a' gabhail pàirt is tha e na prìomhachas dhuinn barrachd dhiubh a bhrosnachadh gus an cothrom seo fhaicinn chan ann mar chnap-starra ach mar phàirt de shlighe leasachaidh.

"Tha sinn a' dèanamh ath-sgrùdaidh air dè an taic a bharrachd as urrainn dhuinn toirt seachad gus clubaichean a chuideachadh a bhith a' cluich anns gach farpais, prìomh fharpaisean mar Chupa na Camanachd nam measg."

Bidh sùil gheur a-nise air dè dìreach an taic phragtaigeach a dh'fhaodadh a bhith ann do chlubaichean is dè an diofar a nì e.

Oir 's e an dragh gu bheil cuid dhiubh nach eil idir air "slighe leasachaidh" ach air cùrsa gu tur diofraichte.

Slighe dhuilich, dhubhach bho bhailtean stobte le daoine toilichte gu pàircean iomain a tha nan tàmh.