Mì-thoileachas mòr le dàil eile air an Glen Sannox

Glen SannoxTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha connspaid ann às ùr mu na bàtaichean-aiseig a thathar a' togail aig Gàrradh MhicFheargais is e air tighinn am bàrr gu bheil dàil eile air an MV Glen Sannox.

Dh'innis a' chompanaidh gun tàinig orra deuchainn air siostam connaidh gas LNG an t-soithich a chur dheth.

Thuirt iad gu bheil am pròiseas gus na pìoban fuarachadh mar bu chòir a' toirt nas fhaide na bha dùil.

Tha sin a' fàgail, dh'innis iad, nach bi e comasach an t-aiseag a thoirt gu CMAL air an 30mh den t-Sultain mar a bha dùil.

Tha dùil aig an ìre seo gum bi dàil mu chola-deug ann.

Bha còir bho thùs aig an Glen Sannox agus am bàta eile a thathar a' togail sa ghàrradh, an MV Glen Rosa, a bhith deiseil ann an 2018.

Tha dùil gun cosg iad mu £300m - seach £97m mar a bhathar an dùil an toiseach.

"'S e buille mhòr eile a tha do choimhearsnachdan eileanach a tha air an trèigsinn leis an SNP," thuirt fear-labhairt còmhdhail nan Tòraidhean, Graham Simpson.

"'S e an siostam LNG a bu choireach airson iomadh duilgheadas leis an aiseag is tha seann àrd-oifigear Ghàrradh MhicFheargais Dàibhidh Tydeman ag ràdh gun robh fios aca mun seo 'son ùine.

"Tha e nàir nach deach ministear sam bith a chur às an dreuchd ri linn an sgainneil a tha seo," thuirt e.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e "bristeadh-dùil" a th' anns an dàil is gu bheil iad ag obair còmhla ri Gàrradh MhicFheargais.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad air a dhèanamh soilleir dhan chompanaidh gu bheil e fìor chudromach gum bi an dà aiseag ann an seirbheis cho luath 's a ghabhas.