Dragh mu bhuaidh AirBnB air Inbhir Nis

Cathair Eaglais Inbhir NisTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha dìth thaighean air màl reusanta - do dhaoine òga gu h-àraid - air a dhol na chùis eagail ann an Inbhir Nis, a rèir luchd-iomairt.

Nochd rannsachadh gu bheil an àireamh àiteachan-fuirich AirBnB anns a' bhaile air a dhol an-àirde 80% ann an còig bliadhna.

A rèir figearan bho AirDNA, a bhios a' sgrùdadh data mu àiteachan a tha ri fhaighinn air màl son ùine ghoirid, bha 613 àite ri fhaotainn do luchd-tadhail tro AirBnB sa Chèitean 2018.

Sa Chèitean am bliadhna bha an àireamh sin air èirigh gu 1,870.

Tha buidheann-iomairt an luchd-màil - Generation Rent - ag iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd 's air an Riaghaltas barrachd a dhèanamh airson smachd a chur air AirBnB.

Thuirt leas-àrd-oifigear na buidhne, Dan MacUilleim: "Tha gainnead dhachaighean agus mar a tha màl ag èirigh a' putadh dhaoine a-mach agus a' toirt air daoine a tha ag obair ann an gnothachasan ionadail a bhith a' siubhal astar airson faighinn a dh'obair.

"Chan eil e seasmhach."

Tha Mgr MacUilleim an dòchas gum bi buaidh aig sgeama ceadachd màil ùr agus aig na planaichean barrachd cumhachd a thoirt do chomhairlean a thaobh na cìs comhairle, agus gum brosnaich sin uachdarain na taighean agus flataichean aca a thionndadh air ais nan dachaighean làn-ùine.

"'S urrainnear barrachd a dhèanamh. Bu chòir do Chomhairle na Gàidhealtachd barrachd sgìrean smachdachaidh a stèidheachadh agus bu chòir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cur às do dh'fhaochadh cìse air an ìre rèidh air morgaidean a tha uachdarain le dachaighean saor-làithean a' faighinn," thuirt e.

Abhainn NisTùs an deilbh, Getty Images

Fo riaghailtean a chuir Riaghaltas na h-Alba an sàs an-uiridh feumaidh daoine a tha airson taigh a chur a-mach air màl airson ùine ghoirid cead fhaighinn.

Dh'iarradh cuid gun deigheadh na riaghailtean nas fhaide na sin agus gum bi sgìrean air an comharrachadh far as urrainn do chomhairlean bacadh a chur air an àireamh àiteachan a tha ri fhaighinn air màl son ùine ghoirid nuair a tha e a' toirt buaidh air an taigheadas a tha ri fhaotainn do dhaoine làn-ùine agus nuair a tha e a' toirt buaidh air caractar na sgìre.

Tha Comhairle na Gàidhealachd an-dràsta a' feuchainn ri sin a chur air dòigh ann an Srath Spè agus Bàideanach.

Thuirt neach-labhairt bho AirDNA gu bheil suidheachadh toinnte air cùl nam figearan: "Tha na tha ri fhaotainn air màl airson ùine ghoirid ag atharrachadh bho mhìos gu mìos.

"Bha mòran de na dachaighean saor-làithean a bha falamh airson a' chuid as motha den bhliadhna a-nis le daoine annta nuair nach eil na daoine aig a bheil na taighean mun cuairt, a' toirt airgid bho thurasachd a-steach dhan sgìre."