Fios ga shireadh mu dhroch ionnsaigh an Inbhir Pheofharain

Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Rinn Poileas Alba tagradh 'son fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh dithis fhireannach a ghoirteachadh ann an droch ionnsaigh ann an Inbhir Pheofharain.

Thachair seo air Rathad Pheofhairain sa bhaile Dihaoine an 29mh den Lùnastal mu 7:30f.

Chaidh dithis fhireannach, aois 48 is 54, a thoirt dhan ospadal.

Tha na poilis a' sireadh fireannaich mu 5' 9", tapaidh, le gruag ghoirid dhonn.

Tha iad ag ràdh gun robh geansaidh shoilleir air, lèine-t ghorm, briogais jogger dhubh is brògan spòrs dubha.

"Tha rannsachadh a' leantainn feuch dè dìreach a thachair is tha sinn airson bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic na thachair," thuirt an DC Nicola Jack bho Phoileas Alba.

"Tha sinn cuideachd airson bruidhinn ri duine sam bith le dealbhan CCTV no dealbhan dash-cam," thuirt i.

Bu chòir fios a chur gu Poileas Alba air 101 agus àireamh 3367 29/08/25 a thoirt seachad, air neo gu Crimestoppers air 0800 555 111.