Fear-glèidhidh ùr an Inbhir Pheofharain

- Air fhoillseachadh
Tha Ross County air fear-glèidhidh ùr a thoirt a-steach is Brad Foster air ainm a chur ri cùmhnant dà bhliadhna.
Bha Foster, 23, mu dheireadh aig Wrexham is ron sin aig West Bromwich Albion.
Tha seo a' tighinn às dèidh do Jordan Amissah County fhàgail nas tràithe an t-seachdain seo 'son tilleadh do Burton Albion.
Bha Amissah air cliù a chosnadh eadar na puist 'son County anns na mìosan mu dheireadh.
"Tha sinn air gluasad gu sgiobalta gus fear-glèidhidh ùr fhaighinn an àite Jordan is tha sinn air ar dòigh gu bheil Brad air ainm a chur ri cùmhnant," thuirt manaidsear Chounty, Don Cowie.
"Tha e òg is tha e làidir is tha e gu mòr 'son adhartas a dhèanamh.
"Còmhla ri Ross Laidlaw tha dithis againn a-nise a bhios a' farpais 'son cluich eadar na puist san t-seusan a tha romhainn."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An t-Ògmhios
- Air fhoillseachadh6 An t-Ògmhios
- Air fhoillseachadh26 An Cèitean