Trioblaidean le IT Comhairle nan Eilean Siar

Comhairle nan Eilean Siar
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gu bheil trioblaidean mòra a' bualadh air na siostaman IT aca.

Tha iad a' conaltradh ri Riaghaltas na h-Alba is eòlaichean eile feuch ciamar a thachair seo is dè mar a bu chòir dhaibh dèiligeadh ris.

Thuirt a' Chomhairle gun tug tachartas buaidh mhòr air na seirbheisean IT.

'S e am prìomhachas aca, thuirt iad, dèanamh cinnteach gu bheil na seirbheisean a tha deatamach dha na coimhearsnachdan fhathast rim faotainn, is dìon a chur air dàta.

Tha obair a' leantainn gus dèanamh cinnteach gum faigh daoine air fios a chur air seirbheisean deatamach air a' fòn.

Tha a' Chomhairle cuideachd a' conaltradh le Riaghaltas na h-Alba agus a' bruidhinn ri proifeiseantaich gus faighinn a-mach dè dh'adhbhraich seo agus iad a' coimhead ris na ceumannan a ghabhas iad a-nis.

Bheir iad tuilleadh fiosrachaidh seachad nuair a bhios sin aca.

Thèid àireamhan a thèid a chleachdadh rè-ùine 'son seirbheisean cùraim is slàinte a lorg air meadhanan-sòisealta na Comhairle.

Tha seirbheis na h-oidhche aig a' Chomhairle fhathast ag obair mar a bu chòir.