Dh'ainmicheadh tagraiche nan Làbarach 'son taghadh Holyrood 2026

Dòmhnall MacFhionghain
  • Air fhoillseachadh

Chaidh Dòmhnall MacFhionghain ainmeachadh mar thagraiche nan Làbarach sna h-Eileanan an Iar airson taghadh Pàrlamaid na h-Alba an ath-bhliadhna.

Thàinig an naidheachd bho mheur nan Eilean Siar den phàrtaidh feasgar Disathairne.

'S ann à Àrnol air taobh siar Leòdhais a tha Mgr MacFhionghain.

On thàinig e dhachaigh às an oilthigh an Glaschu ann an 2017, tha Mgr MacFhionghain air a bhith an sàs an obair leasachaidh agus tha e an-dràsta na mhanaidsear air Urras Coimhearsnachd Chàrlabhaigh.

'S e croitear a th' ann agus bha e roimhe na chathraiche air Caidreachas Croitearachd na h-Alba agus ron sin os cionn Chroitearan Òga an SCF.

Thuirt Mgr MacFhionghain: "Tha mi a-riamh air a bhith ag obair a chùm maith nan eileanach agus airson na h-eileanan a leasachadh.

"Sa Chèitean 2026 bidh cothrom aig luchd-bhòtaidh nan Eilean Siar riochdaire am Pàrlamaid na h-Alba a thaghadh le guth làidir dhaibh.

"Thairis air na mìosan ri teachd tha mi a' coimhead air adhart ri bhith a' siubhal sa sgìre air fad airson bruidhinn ri daoine mu na cuspairean as cudromaiche dhaibh."