Ceum air adhart le Campas Bharraigh is Bhatarsaigh

- Air fhoillseachadh
Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar bòrd riaghlachais ùr a stèidheachadh 'son a bhith a' toirt air adhart pròiseict Campas Coimhearsnachd Bharraigh is Bhatarsaigh, anns am biodh sgoil ùr agus goireasan spòrs.
Anns a' chiad dol a-mach bha ospadal agus dachaigh-cùraim cuideachd gu bhith an lùib nam planaichean airson an hub ùir ann am Bàgh a' Chaisteil.
Ach chaidh dàil air gnothaichean grunn thursan agus mu dheireadh thall dhearbh Riaghaltas na h-Alba sa Chèitean an-uiridh nach robh ionmhas gu leòr aca airson a leithid.
Aig coinneimh de Chomataidh Foghlaim CnES an t-seachdain seo, taobh a-muigh, chuireadh taic ri planaichean gus bòrd riaghlachais ùr a chur air chois 'son a' phròiseict mar a tha e a-nise.
Chuala comhairlichean gu bheil feum air bòrd ùr ri linn mar a tha fòcas nam planaichean air atharrachadh cho mòr.
Thuirt Àrd-Oifigear na Comhairle, Malcolm Burr, gu bheil seo "a' gluasad a' phròiseict chun na h-ath-ìre".
"Cabhag"
Dh'innis e gu bheil "cabhag" ann goireasan foghlaim is spòrs - le sgoil ùr nam measg - a thoirt gu buil.
Thuirt Mgr Burr gur e seo am pròiseact calpa as motha anns na h-Eileanan an Iar an-dràsta, ach dh'aidich e gu bheil suidheachadh an ionmhais "gu math dubhlanach".
Tha e ag ràdh gu bheil an t-ùghdarras ionadail a' còmhradh ri Riaghaltas na h-Alba tric mun chùis.
Chuala a' chomataidh cuideachd gu bheil dùil gum bi na seachdainean is mìosan ri tighinn "gu math trang" airson a' phròiseict.
Fon chlàr-ama a chaidh air beulaibh na comataidh - nach eil e air a dhearbhadh fhathast- bhiodh obair-dealbhachaidh ann tràth an ath-bhliadhna, leis an amas obair-togail a thòiseachadh tràth ann an 2026, is an sgoil is goireasan eile a bhith deiseil eadar samhradh 2027 is samhradh 2028.