Harland and Wolff ag ullachadh 'son a dhol ann an rianachd

Gàrradh Àranais
  • Air fhoillseachadh

Tha companaidh leis a bheil Gàrradh Àranais ann an Leòdhas agus Gàrradh Mhethil ann am Fìobha ag ullachadh airson a dhol fo rianachd.

Tha 145 cosnadh sgileil an cois Ghàrradh Àranais.

Cumaidh an dà fo-chompanaidh Albannach a th' aig Harland and Wolff orra ag obair.

Tha a' chompanaidh an dòchas nach caill còrr air 60 den 1,300 duine de luchd-obrach a th' aca - mòran aca aig gàrraidhean soithichean ainmeil ann am Béal Feirste san deach an Titanic a thogail, agus aig Appledore ann an Devon - an cosnadh.

Cha bhi duine de na chailleas an cosnadh, tha a' chompanaidh ag ràdh, stèidhichte aig na ceithir prìomh ghàrraidhean aca.

Mhìnich stiùirichean ùra Harland and Wolff gun tàinig call orra san ùine a dh'fhalbh, ach gun do dh'fhaillich orra maoineachadh fhaighinn san ùine fhada.

Thuirt iad gu bheil companaidhean eile a' bruidhinn riutha a thaobh na ceithir prìomh ghàrraidhean aca a cheannach, agus dùil gun tig am pròiseas sin gu ceann air an ath-mhìos.

Tha luchd-comhairleachaidh ionmhais na companaidh ag ràdh gu bheil plana gnothachais ann a chumadh na gàrraidhean fosgailte, le bhith a' togail shoithichean taice do Mhinistreachd an Dìon agus a' frithealadh air roinn a' chumhachd ath-nuadhachail.