Fear-coiseachd às a' Ghearmailt a dhìth san Eilean Sgitheanach

Matthias BeutinTùs an deilbh, POILEAS ALBA
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-teasairginn nam beann agus na poilis air a bhith a-muigh air an dèireadh-seachdain a' feuchainn ri lorg fhaighinn air fear-coiseachd Gearmailteach air nach eil sgeul san Eilean Sgitheanach.

Chan fhacas Matthias Beutin, 57, bho 11:30m Diardaoin aig raon-parcaidh Bhlàbheinn faisg air Loch Slaopan.

Bha e a' cur roimhe a' bheinn a dhìreadh, ach cha chuala a theaghlach bhuaithe bhon uair sin, rud nach eil idir àbhaisteach.

Tha Mgr Beutin geal, mu 5tr agus 9òir de dh'àirde, 's e meadhanach tapaidh le falt goirid dorcha.

Nuair a chunnacas mu dheireadh e bha seacaid dhìonach ghorm uime, briogais dhìonach dhonn agus brògan-coiseachd Meindl dorcha-dhonn. Bha cuideachd màileid bheag dhubh agus orains aige.

Luchd-teasairginn air an talamh le heileacoptair nam maor-cladaich os an cionnTùs an deilbh, SGIOBA TEASAIRGINN NAM BEANN AN EILEIN SGITHEANAICH
Fo-thiotal an deilbh,

Tha grunn sgiobannan-teasairginn air a bhith an sàs san iomairt lorg fhaighinn air Mgr Beutin

Thuirt Sgioba Teasairginn nam Beann san Eilean Sgitheanach nach robh iomairt an luchd-teasairginn furasta eadar an garbh-thìr agus an ceò Disathairne.

Bha luchd-teasairginn nam beann à Cinn t-Sàile is an RAF cho math ri Comann Chon Cobhair agus Teasairginn uile an sàs san iomairt.

Thuirt an Sàirdseant Daibhidh Mockett: "Tha sinn a' fàs nas iomagainiche mu Mhattias. Chan eil e coltach ris a bhith a-mach à conaltradh le a theaghlach."

Faodaidh daoine fios a chur air na Poilis mun chùis le bhith a' cur fòn gu 101, taobh a-muigh.