Riochdairean gnothachais le dragh mu chìs turasachd

- Air fhoillseachadh
Thàinig ceithir buidhnean a tha a' riochdachadh ghnothachasan air Ghàidhealtachd còmhla a thogail dragh mu mholadh cìs turasachd a stèidheachadh san sgìre.
Chuir àrd-stiùirichean Seòmraichean Malairt Ghallaibh, Inbhir Nis agus Loch Abair, a thuilleadh air àrd-stiùiriche Compàirteachas Gnothachais a' Mhonaidh Ruaidh an ainmean ri litir a tha a' cur an cèill iomagain mhòir mun mholadh.
Thuirt na buidhnean gu bheil leithid de dhùbhlain mu choinneimh na turasachd mar thà, agus gu bheil iad den bheachd gun cuireadh cìs a bharrachd, agus an t-uallach rianachd a thigeadh na cois, cuideam a bharrachd air gnothachasan.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh bheachdan air am bu chòir cìs 5% a chur air luchd-tadhail a thogadh, tha iad ag ràdh, co-dhiù £10m sa bhliadhna dhan sgìre.
Chan eil iad toilichte gum biodhte a' cur ceudad air na chosgas àite-fuirich air prìs na h-aoigheachd iomlain, agus tha dragh orra a thaobh ciamar a dheadh an t-airgead a thogte leis a' chìs a chleachdadh.
Thuirt iad gun cuireadh a' chìs cosgaisean luchd-turais an-àirde, 's gum fàgadh sin a' Ghàidhealtachd le mì-bhuannachd fharpaiseach.
Tha na buidhnean ag ràdh gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil feum air atharrachadh, ach dh'iarr iad gun deadh co-chomhairle choileanta a chumail airson 's gun cluinnear an dragh a th' ann mu dheidhinn.
Chaidh beachd iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd.