Beachdachaidh comhairlichean air sgìrean-sgoile ann an Uibhist a Deas

Tha iarrtas ann gun tèid crìochan Sgoil Dhalabroig atharrachadh
- Air fhoillseachadh
Bidh Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh Dimàirt air an ath cheum ann an co-chomhairleachadh mu atharrachadh nan sgìrean-sgoile ann an Uibhist a Deas.
Dh'iarr Comhairle nam Pàrant aig Sgoil Dhalabrog air a' Chomhairle coimhead ri crìochan nan sgìrean-sgoile ann an Uibhist a Deas sa Ghearran an-uiridh.
Tha iad ag iarraidh còig bailtean à sgìre Sgoil an Ìochdair a thoirt a-steach air sgìre Sgoil Dhalabroig.
Tha sianar às na bailtean sin a' frithealadh Sgoil Dhalabroig co-dhiù, ged nach fhaigh iad còmhdhail-sgoile.
Dh'aontaich an t-ùghdarras ionadail ri co-chomhairle a dhèanamh agus chaidh coinneamhan neo-fhoirmeil a chumail aig gach sgoil sa Ghearran am-bliadhna.
Rinn cuid soilleir an cuid draghan mu na dh'fhaodadh a bhith an dàn do Sgoil an Ìochdair nan rachadh na crìochan atharrachadh.
Fhuair suirbhidh gun robh trì cairteal dhen fheadhainn a ghabh pàirt an aghaidh a' mholaidh le faisg air cairteal air a shon, le cuid airson atharrachaidhean beaga a dhèanamh air a' mholadh.
Coimheadaidh comhairlichean air Comataidh an Fhoghlaim ri còig roghainnean eadar-dhealaichte ann an aithisg mus gluais iad chun an ath cheum.