Dragh mu na tha an dàn do Sgoil an Ìochdair

Ceannard foghlaim CnES, Dòmhnall MacLeòid, a' bruidhinn ris a' choinneimh oidhche Ardaoin
- Air fhoillseachadh
Tha dragh ann gum faodadh plana 'son crìochan sgìre Sgoil Dhalabroig a leudachadh Sgoil an Ìochdair a chur ann an cunnart dùnadh.
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nach eil plana sam bith ann Sgoil an Ìochdair a dhùnadh.
Tha an t-ùghdarras ionadail an-dràsta a' dèanamh co-chomhairle mar phàirt de dh'ath-sgrùdadh air sgìrean-sgoile an dà sgoil.
Thàinig seo is Comhairle nam Pàrant ann an Dalabrog ag iarraidh còig bailtean à sgìre Sgoil an Ìochdair a thoirt a-steach air sgìre Sgoil Dhalabroig.
Tha sianar às na bailtean sin a' frithealadh Sgoil Dhalabroig co-dhiù, ged nach fhaigh iad còmhdhail-sgoile.
Gheibheadh iad sin nam biodh iad ann an sgìre-sgoile Sgoil Dhalabroig, ach tha dragh air cuid mun bhuaidh a bheireadh seo air an àireimh de sgoilearan ann an Sgoil an Ìochdair.
Nochd còrr is 70 duine aig coinneimh mun chùis ann an Sgoil an Ìochdair oidhche Ardaoin le ceannard foghlaim Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall MacLeòid.
"Bha sinn a' faicinn gu bheil beachdan gu math làidir aig coimhearsnachd an Ìochdair, gu bheil iad ag iarraidh dèanamh cinnteach gu bheil a' Chomhairle a' tuigsinn cho cudromach 's a tha an sgoil ris a' choimhearsnachd," thuirt Mgr MacLeòid às dèidh làimh.
"Tha sinn a' tuigsinn bhon rannsachadh a tha sinn a' dèanamh gu bheil sin fìor airson an dà choimhearsnachd, is 's e an rud a tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh 's e beachdan a thoirt bho mhuinntir Sgoil Dhalabroig is muinntir Sgoil an Ìochdair mu dheidhinn na slighe air adhart."
Dòmhnall MacLeòid a' bruidhinn ri Shona NicDhòmhnaill às dèidh na coinneimh
Dh'fhàg cuid aig a' choinneimh air Comhairle nan Eilean Siar nam biodh iad air ceist na còmhdhail-sgoile a rèiteach ron seo nach biodh feum air co-chomhairle idir.
Thuirt Mgr MacLeòid gur e proiseas laghail a th' ann an sgìrean-sgoile is gum feum CnES pròiseas a leantainn.
Thog e cuideachd air cùmhnantan a thaobh bhusaichean sgoile a tha ceangailte ris na sgìrean-sgoile.
"An an aon chùrsa laghail a th' againn 's e sgrùdadh a dhèanamh air càite am bu chòir dhan loidhne a bhith eadar an dà choimhearsnachd agus an uairsin cò gheibheadh busaichean sgoile.
"Ann an dòigh chan eil càil as urrainn dhan Chomhairle a dhèanamh ach tòiseachadh còmhradh ri coimhearsnachdan.
"Tha tuigse againn ma tha sinn ag atharrachadh sgìre de dh'aon sgoil, tha sin a' tighinn a-mach à sgìre de sgoil eile, is tha e cho cudromach gum bi còmhradh againn le gach coimhearsnachd 'son dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' tuigsinn nam beachdan air fad."

Bha a' choinneamh sìtheil do chuid
Thuirt Mgr MacLeòid gu bheil e a' tuigsinn carson a tha dragh air cuid mu shuidheachadh Sgoil an Ìochdair.
Tha e ag ràdh ge-tà, nach eil dad a dhùil aig an ùghdarras ionadail an sgoil a dhùnadh.
Gheall e gum bi còmhradh leis a' choimhearsnachd aig cridhe ghnothaichean às b' i dè thachras.
"Tha mi a' tuigsinn carson a tha muinntir sgìre Sgoil an Ìochdair a' smaoineachadh sin le feagal gum faodadh iad a bhith a' call pàirt den sgìre aca.
"Mar a tha cùisean an-dràsta chan eil poileasaidh sam bith aig a' Chomhairle air sùil a thoirt air dùnadh na sgoile.
"Ma tha neart is iarrtas sa choimhearsnachd airson na sgoile bhiodh sinn an-còmhnaidh a' còmhradh riutha mu dheidhinn an sgoil a chumail fosgailte.
"Chan urrainn dhomh freagairt airson nam bliadhnaichean a tha romhainn, ach leis an t-suidheachadh a th' againn an-dràsta chan eil sùil sam bith air an sgoil a dhùnadh."
Tha a' cho-chomhairle fosgailte chun an 28mh den Mhàrt is gheibhear barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn an seo, taobh a-muigh.