Buinn Òir an t-Seann Nòis

Claire Frances NicNìll agus Ruairidh Moireasdan
- Air fhoillseachadh
Chaidh Buinn Òir an t-Seann Nòis a thoirt seachad aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns an Òban.
'S iad Ruairidh Moireasdan à Inbhir Nis agus Claire Frances NicNìll à Barraigh a bhuannaich.
Rinn Ruairidh a chùis air an treas bhliadhna ann an sreath a fhuair e àite san fharpais-chrìochnachaidh.
Sheinn e 'Òran an Sgonnsairich' agus 'A' Phiseag à Ceòs'.
“Gu follaiseach, tha mi air mo dhòigh", thuirt e.
"Tha an fharpais a’ còrdadh rium anns an fheasgar.
“Anns a’ mhadainn, tha mo ghlùinean a’ bragadaich, ach anns an fheasgar tha mi ceart gu leòr!
“’S e an rud as cudromaiche dhomhsa, gun còrd e ris an luchd-èisteachd.”
Cead do stuth Instagram?
Tha stuth bho Instagram an lùib an artagail seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig Meta ‘son Instagram mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.
Bha Donnchadh MacLeòid à Drochaid a' Bhanna san dàrna h-àite agus Iain MacCarmaig às an Eilean Sgitheanach san treas àite.

Thàinig Clare Frances NicNìll am bàrr ann am farpais nam ban.
Sheinn i 'Mìle Marbhphaisg air an t-Saoghal' le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair agus 'Uamh an Òir'.
Bha Claire roimhe air ìre na farpais-chrìochnachaidh a' ruighinn, ann am Peairt ann an 2022.
“Tha e dìreach sònraichte a bhith am measg nam Barrach a tha air bonn a bhuannachadh”, thuirt i.
“Agus bha e cho sònraichte òrain a tha cho tlachdhmhor agus a chòrd rium cho mòr a sheinn, air beulaibh dhaoine cho snog.”
Bha Iona Mairead Davidson à Leodhas san dàrna h-àite agus Sarah Garvin às an Òban san treas àite san fharpais.