Railidh aig Oilthigh Obar Dheathain

- Air fhoillseachadh
Tòisichidh railidh aig 18:00 Diluain a' cur an aghaidh nam planaichean aig Oilthigh Obar Dheathain cur às do cheumannan ann an cànanan - Gàidhlig nam measg.
The còrr air 11,000 duine air an ainmean a chur ri athchuinge a-nis ag iarraidh air ceannardan Oilthigh Obar Dheathain am planaichean atharrachadh.
Bidh railidh ann aig Aonadh nan Oilthighean 's nan Colaistean aig 18:00, le luchd-obrach, oileanaich is luchd-poileataigs a' gabhail pàirt - is Cùirt an Oilthigh a' dol a bhruidhinn mun chùis Dimàirt.
Cuideachd, tha diofar bhuidhnean a tha a' riochdachadh oileanach is luchd-obrach air litir fhosgailte a sgrìobhadh ag iarraidh air an oilthigh an co-chomhairleachadh a stad - moladh ris an do chuir an Seanadh taic ann am bhòt - is na ceumannan a dhìon.
Thuirt Marcas Mac an Tuairneir, a bha na oileanach an Obar Dheathain agus tha e an sàs anns an iomairt, air Aithris na Maidne: "Tha sinn aig an ìre seo dìreach a' cur ìmpidh air luchd na Cùirte a bhith a' cumail bacadh ro na planaichean sin agus a bhith a' dearbhadh luach anns na ceumannan a tha sin agus na cànanan air fad."
Tha an t-oilthigh air cantainn gu bheil an àireamh de dh'oileanaich a tha a' dèanamh cheumannan ann an cànanan air tuiteam gu mòr, gu bheil mòran luchd-obrach ann an coimeas ri oileanaich - agus gu bheil an suidheachadh a th' ann neo-sheasmhach.