Cead ga dhiùltadh do dh'ionad bhataraidhean faisg air Gleann Afraig

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cead a dhiùltadh do dh'ionad stòraidh bhataraidh a bhathas a' moladh faisg air Tèarmann Nàdair Nàiseanta Ghleann Afraig.
Sin a dh'aindeoin 's gun do mhol oifigich cead a thoirt dhan phlana aig Logan PM, mun deach tòrr ghearainean a dhèanamh gu h-ionadail.
Bha oifigich ag ràdh, nan deadh cead a thoirt don phròiseact, gun cumadh e taic-dealain ris a' Ghriod Nàiseanta aig na h-amannan as trainge.
Mhol iad cead a thoirt dha, le cùmhnantan na chois.
Ach aig coinneimh de Chomataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas madainn Diciadain, dhiùlt comhairlichean cead a thoirt seachad.
Chuir a' chomataidh co-dhùnadh dheth san Lùnastal gus an robh iad air tadhal air an làraich.
Chan eil an làrach fhèin am broinn an Tèarmainn Nàdair Nàiseanta, ach tha e faisg air a' chrìch, 's faisg ionad eile coltach ris a tha ga thogail an-dràsta.
Bha 28 modailean stòraidh cumhachd, coltach ri bocsaichean bathair, air a bhith ann, san robh 76m de dh'fhaid an urra.
Bhiodh cuideachd 14 paidhir-thionndairean agus ionad stiùiridh dealain, a thuilleadh air àite stòraidh fa leth, an cois an leasachaidh.
Ann an co-chomhairle a chaidh a chumail air a' phlana, chaidh 66 gearan a thogail na aghaidh.
Thog comhairliche neo-eisimeileach na sgìre, Daibhidh Friseal, dragh mòr mun chunnart gun adhbharaicheadh an leasachadh teine.
Thuirt e cuideachd gun toireadh e droch bhuaidh air muinntir an àite a thaobh fuaim agus coltas na sgìre.