Rabhadh gur dòcha gum feum dachaigh-cùraim an Inbhir Nis dùnadh

Boireannach na cadal air leabaidh neo-dhèante 's i na cuid aodaich là
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gum feum dachaigh-cùraim ann an Inbhir Nis dùnadh mura tig piseach gu math susbainteach air ìrean cùraim ro dheireadh na mìos.

Nochd grunn fhàiligidhean aig Dachaigh-cùraim Chastlehill sa bhaile ann am prògram BBC Scotland Disclosure o chionn ghoirid.

'S e Castlehill tè de na dachaighean-cùraim as motha ann an Alba.

Dh'fhàg teaghlaichean an luchd-còmhnaidh casaidean de dh'an-iochd agus dearmad air an fheadhainn a tha ga ruith.

Lorg neach-naidheachd a' BhBC a bha ag obair gu dìomhair mar thè-ghlanaidh aig an dachaigh-cùraim gun deach luchd-còmhnaidh a bha a' fulang le seargadh-inntinn fhàgail fad uairean a thìde ann an aodach a bha salach agus gainnead uabhasach de luchd-obrach aig an dachaigh.

Tha àireamhan o Luchd-Sgrùdaidh a' Chùraim cuideachd a' sealltainn gur ann mun dachaigh-cùraim sin a thàinig a' chuid as motha de ghearainean ris an deach gabhail ann an Alba an-uiridh.

Chaidh innse a-nise don chompanaidh Morar Living leis a bheil an dachaigh-cùraim gum feum iad leasachadh a thoirt air an t-suidheachadh an dèidh sgrùdaidh air a' mhìos a dh'fhalbh.

Tha grunn phuingean ris am feum iad dèiligeadh anns an spot, leithid ceannas sgileil is làn-cho-fhaireachdainn, agus taic fad an t-siubhail do dhaoine le bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil an àireamh cheart de luchd-obrach a' frithealadh air an luchd-còmhnaidh.

Anns a' bhrath leasaichaidh, tha Luchd-Sgrùdaidh a' Chùraim ag ràdh gum faodadh gun tèid clàradh oifigeil na dachaigh a tharraing air falbh mura tèid na tha iad a' moladh a chur an sàs ron là mu dheireadh den mhìos.

Thuirt an dachaigh-cùraim gun robh iad ag obair gu dlùth leis an luchd-sgrùdaidh agus le Compàirteachas Slàinte is Cùram Sòisealta NHS na Gàidhealtachd agus gu bheil làn-dùil aca piseach a thoirt air ìre a' chùraim.

Tuilleadh air an sgeulachd seo