Turasachd Innse Gall an cunnart a dhol fodha

- Air fhoillseachadh
Dh'fhaodadh a' bhuidheann a tha a' cumail taic ri gnothachasan turasachd nan Eilean Siar a dhol fodha mura fhaigh iad barrachd airgid.
Sin a tha Àrd-Oifigear Turasachd Innse Gall, Sarah NicIlleathain, ag ràdh.
'S e buidheann maith coimhearsnachd a th' annta a chaidh a stèidheachadh ann an 2005 gus buidhnean turasachd nan eilean a riochdachadh.
Bidh iad ag obair còmhla ri VisitScotland is Comhairle nan Eilean Siar, ged a tha iad neo-eisimeileach bhuapa, is ag ràdh gur iad "Gùth Turasachd nan Eilean Siar" a th' annta.
Ged a tha na ceudan de bhuill aig Turasachd Innse Gall, tha Ms NicIlleathain ag ràdh gu bheil an suidheachadh ionmhais aca dùbhlanach is gu bheil iad ann an cunnart.
Tha i a' dèanamh dheth gu bheil £100,000 a bharrachd a dhìth orra, 's iad gann air sgàth gearradh air ais air airgead poblach, gainnead bhall agus barrachd uallaich orra, le Visit Scotland a' dùnadh na h-oifis aca ann an Steòrnabhagh.
Thug turasachd cha mhòr £82m a-steach gu eaconomaidh nan Eilean Siar an-uiridh agus dh'èirich an àireamh de luchd-tadhail san sgìre 30% sa chòig bliadhna mu dheireadh.
"Tha sinn gar lorg fhèin san t-suidheachadh annasach far a bheil mar as soirbheachaile an turasachd, 's ann as dùbhlanaiche dhuinne a tha e cumail a' dol," thuirt Ms NicIlleathain.
"Tha teachd a-steach againn bho na buill againn, agus tha sinn gu math taingeil airson sin, ach thar nam bliadhnaichean mu dheireadh tha ballrachd air socrachadh."

Tha còrr air 600 ball aig a' bhuidhinn, agus iad a' tomhas gu bheil sin mu 40% de ghnothachasan le ceangal ri turasachd 's a tha stèidhichte anns na h-Eileanan Siar.
Tha a' bhuidheann ag ràdh ge-tà, nach eil uiread de ghnothachasan ùra a' gabhail ballrachd 's a chleachd.
"Tha an lùghdachadh a tha sin air tighinn aig an aon àm 's a tha buidseatan na roinne poblaich air crìonadh 's chan eil cothrom againn tuilleadh air an aon ìre taice 's a bha uaireigin," thuirt Ms NicIlleathain.
"Aig a' cheart àm, tha na tha de luchd-turais a' tighinn air èirigh gu mòr, 's tha sin a' fàgail gu bheil na tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh air a dhol nas toinnte oirnn."
Tha ballrachd agus maoineachadh tro phròiseactan a' toirt dhaibh mu £110,000 sa bhliadhna.
Tha cosgaisean na buidhne ge-tà, a' seasamh aig còrr air £200,000, agus ceathrar luchd-obrach aca.
Gun ach beagan airgid air fhàgail sa chùl-stòr tha feum aca air maoineachadh a lorg tro dhòighean eile.
"Tha sinn a-niste a' sìneadh a-mach gu na compàirtich uile againn - coimearsalta agus poblach - agus ris a' bhallrachd feuch piseach a thoirt air ar suidheachadh ionmhais", thuirt Ms NicIlleathain.
"Ma chailleas sinn an guth sin, bidh e gu math duilich airson a' ghnìomhachais"
Tha an suidheachadh a' cur iomagain air feadhainn eile a tha an sàs ann an turasachd anns na h-Eileanan an Iar.
Nam measg tha Rhoda Chaimbeul, a tha a' ruith àite-fuirich anns na Hearadh.
"Tha e duilich nach eil barrachd bhall aca is gu bheil cùisean a' coimhead gu math duilich dhaibh. Tha a h-uile duine a' buannachadh leis na tha iad a' dèanamh is am margaidheachd.
"Tha iad a' toirt tòrr taic is guth làidir is ma chailleas sinn an guth a tha sin, bidh e gu math duilich."
Aig ceann eile nan Eilean Siar, tha manaidsear Bùth Bharraigh ag ràdh gu bheil obair Turasachd Innse Gall cudromach dha-rìribh.
Thuirt Sarah NicIlleathain gu bheil làrach-lìn na buidhne "na goireas air leth" is gu bheil a leithid nas cudromaiche an-diugh na bha e a-riamh.
Dh'innis i gum bi Bùth Bharraigh tric is minig a' stiùireadh luchd-tadhail a dh'ionnsaigh na làraich airson fiosrachadh fhaighinn.

Tha feadhainn a tha an sàs ann an gnothaichean culturail cuideachd ag ràdh gur e call a bhiodh ann dhaibhsan nan rachadh Turasachd Innse Gall à bith.
Tha Magaidh Nic a' Ghobhainn a' ruith B&B is i cuideachd na stiùiriche air an Taigh Cèilidh ann an Steòrnabhagh.
"Tha Turasachd Innse Gall air a bhith air leth cudromach thar nam bliadhnaichean.
"'S ann leis na buill a tha e agus 's iadsan a tha a' toirt stiùireadh air mar a thèid cùisean air adhart.
"Airson an Taigh Cèilidh tha iad air a bhith a' stiùireadh daoine thugainn is tha sinn air an làraich-lin aca.
"Tha sin a' fàgail gu bheil daoine a' tighinn thugainne nuair a thig iad dhan eilean ma tha ùidh aca sa Ghàidhlig."
Tha Sarah NicIlleathain fhèin ag ràdh gur dòcha gu bheil gu leòr ann nach eil a' tuigsinn dè dìreach a tha Turasachd Innse Gall a' dèanamh.
Tha i ag ràdh gun tigeadh sin am follais nan rachadh iad fodha.
"Tha an t-eagal oirnn gum faiceadh iad na beàrnan mura biodh sinn ann, is gur ann an uairsin a bhiodh iad a' faireachdainn na pèin."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh6 An t-Sultain 2018
- Air fhoillseachadh19 An t-Ògmhios
- Air fhoillseachadh8 An Giblean 2021