Dòchas do sgìrean eile an cois seirbheis ath-shlànachaidh Ghallaibh
- Air fhoillseachadh
Tha modh-obrach a dhealbhaich seirbheis ath-shlànachaidh do dhaoine le trioblaidean dhrugaichean is dibhe ann an Gallaibh ga sgaoileadh a-mach gu sgìrean eile is e air soirbheachadh aig tuath.
Tha Seirbheis Ath-Shlànachaidh Ghallaibh airson na Dibhe agus nan Drugaichean ga ruith fo sgeith NHS na Gàidhealtachd.
Shoirbhich le siostam-taice ùr gu math goirid às dèidh dhaibh a chur an sàs is iad mar-thà air aithne fhaighinn aig ìre nàiseanta, taobh a-muigh.
Tha sgeulachd seirbheis Ghallaibh am measg na tha a' nochdadh ann am prògram ùr Eòrpa mu thrioblaidean dibhe is dhrugaichean na h-Alba.
Tha am prògram stèidhichte air sgeulachd phearsanta an fhir-naidheachd Ruairidh MhicÌomhair is e a' bruidhinn gu poblach 'son a' chiad turas air mar a thug eisimeileachd na dibhe agus dhrugaichean buaidh fìor mhòr air a bheatha.
Air a' mhìos seo tha Ruairidh air a bhith sòbarra deich bliadhna.
Tha e a' faireachdainn gur e deagh àm a th' ann bruidhinn mun t-suidheachadh aige is mar a tha e air sealladh a thoirt dha air fear de na dùbhlain as motha ann an Alba, is figearan anns na mìosan mu dheireadh air dearbhadh às ùr mar a tha trioblaidean le drugaichean, taobh a-muigh is deoch-làidir, taobh a-muigh a' bualadh air mòran.
Bha Inbhir Theòrsa am measg nan àitichean dhan deach Ruairidh sa phrògram is e a' tadhal air Seirbheis Ath-Shlànachaidh Ghallaibh airson na Dibhe agus nan Drugaichean.
Ged a tha an sgìre air a bheil an t-seirbheis a’ frithealadh dùthchail sa mhòr-chuid, tha iad a’ dèiligeadh ri trioblaidean a tha coltach ris na chìthear anns na bailtean aig deas.
"Tha fios againn gu bheil ceangal eadar drugaichean is deoch-làidir agus bochdainn," dh'innis ceannard na sgioba ann an Gallaibh, Lesley Chaimbeul, dha Eòrpa.
"Ann an Gallaibh tha sgìrean againn a tha am measg na prìomh 20% de na sgìrean as bochda ann an Alba, is cuid am measg na prìomh 5%, mar sin tha trioblaidean mòra againn an seo le drugaichean is deoch-làidir."
Thug an t-seirbheis rud air a bheil Trigger Checklist a-steach an-uiridh, is e stèidhichte air a' phrionnsabal gun tèid iad fhèin a-mach gu daoine gus taic a thabhainn orra.
'S e sreath de cheistean a tha sa Checklist a bhios duine no buidhnean eile a' lìonadh a-steach stèidhichte air an eòlas aca mu neach a tha iad a' meas a dh'fhaodadh a bhith ann an cunnart bho dhrugaichean, no mun deidhinn fhèin ma tha iad a' faireachdainn gu bheil iad ann an cunnart.
Bidh Seirbheis Ath-Shlànachaidh Ghallaibh airson na Dibhe agus nan Drugaichean an uairsin a’ cur fios air an neach is a’ dol a-mach thuca gus taic a thabhainn – rud air a bheil assertive outreach.
Ged a bha iomagain air a' bhuidhinn an toiseach mun fhreagairt a gheibheadh iad bho dhaoine, tha iad ag ràdh gu bheil a' mhòr-chuid taingeil gu bheil iad a' gabhail ùidh annta.
Is tha iad mar-thà air buaidh chlionaigeach fhaicinn.
Cead do stuth Twitter?
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.
"Stèidhich sinn an gnothach air na th' ann de làithean eadar daoine a bhith a' gabhail dòs bàsmhor de dhrugaichean nach do mharbh iad - oir chan eil àireamh fìor mhòr againn ann an Gallaibh de bhàs ceangailte ri drugaichean. Chan eil sinn a' faighinn nan àireamhan sin," thuirt Lesley Chaimbeul.
"Tha e comasach dhuinn ge-tà coimhead air na th' ann de làithean eadar daoine a bhith a' gabhail dòs bàsmhor de dhrugaichean nach tug dhaibh bàs.
"Fhuair sinn leis an Trigger Checklist gum b' urrainn dhuinn an ùine eadar daoine a bhith a' dèanamh sin - a bhith a' gàbhail dòs mar sin - a leudachadh.
"An ìre mhath luath às dèidh dhuinn am modh-obrach a chur an sàs bha sinn a' ruighinn 100 là eadar daoine a bhith a' gabhail dòs bàsmhor de dhrugaichean nach do mharbh iad.
"Cha robh sinn air faighinn os cionn 50 là ron sin," thuirt i.
Leis cho soirbheachail is tha e air a bhith, tha dòigh-obrach Seirbheis Ath-Shlànachaidh Ghallaibh airson na Dibhe agus nan Drugaichean a-nis ga sgaoileadh air feadh na Gàidhealtachd.
Fhuair iad cuideachd taic-airgid £40,000 as t-samhradh gus an siostam a leasachadh.
Tha dòchas ann gu bheil obair na buidhne a’ sealltainn na ghabhas dèanamh le bhith a’ beachdachadh air na trioblaidean a th' ann le drugaichean is deoch-làidir ann an dòighean ùra - is piseach a thoirt air suidheachaidhean a tha fìor dhùbhlanach aig ìre nàiseanta.
Chìthear Eòrpa air BBC ALBA Diciadain aig 9:00f is an seo air iPlayer a' BhBC.
Tha taic ri fhaighinn air loidhne-gnìomha a' BhBC.