Uibhist a Deas air fhàgail gun aiseag

MV Lord of the Isles
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-gnothachais ann an Uibhist a Deas ag ràdh gu bheil an dearg chaothach orra leis gun deach bàt-aiseig an eilein a thoirt air falbh dìreach seachdainnean an dèidh dhi tilleadh gu seirbheis.

Chaidh an MV Lord of the Isles gu Ìle, airson seirbheis le dà bhàta a thoirt don eilean còmhla ris an MV Finlaggan, dìreach seachdainnean an dèidh dhi tilleadh gu seirbheis an dèidh teine san einnsean aice.

Chan eil seòlaidhean eadar Loch Baghasdail agus Malaig fhad 's a tha i air falbh.

Thuirt Buidheann Buaidh Ghnothachais Uibhist a Deas gun toir an t-atharrachadh as ùire buaidh mhòr air eaconomaidh an eilein, agus thuirt iad gu bheil iad feargach nach deach soitheach eile a chur air an t-slighe san eadar-ama.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh nach gabhar idir ris a' cho-dhùnadh an t-seirbheis a tharraing gun ach rabhadh ceithir uairean de thìde, 's gum bu chòir a bhith air beachdachadh air roghainnean eile airson an t-seirbheis a ghlèidheadh.

Chaidh beachd iarraidh air CalMac.