Comharran ro-fharpais a' Bhuinn Òir

- Air fhoillseachadh
Chaidh ceathrar bhoireannach agus dithis fhireannach troimhe gu farpais dheireannach Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail sa Ghearasdan.
Chaidh na farpaisean dearbhaidh a chumail aig Eaglais Chaitligeach an Naoimh Moire.
Ann am farpais nam mnathan bha Caitlyn Yule à Glaschu sa chiad àite le 371 uile gu lèir.
Thàinig Julie-Anne NicPhàidein, às an Òban, san dàrna àite le 369.
Bha Laura Robasdan às a' Ghearasdan san treas àite le 366.
Agus thàinig Amanda Millen à Glaschu sa cheathramh àite le 365.

Bha madainn shoirbheachail aig Caitlyn Yule

'S e Finlay John Morse a bha sa chiad àite sa mhadainn ann am farpais nam fear
Cha robh ach dithis fhireannach a' farpais am-bliadhna, agus chaidh an dithis aca troimhe chun na cuairte deireannaich.
Thàinig Finlay John Morse à Obar Dheathain sa chiad àite, le 369, agus Jonathan Fairgrieve à Leòdhas san dàrna àite le 361.
Bidh a' chuairt dheireannach ann aig 7:30f ann an Ionad Nibheis, agus e ri fhaicinn beò air BBC ALBA, agus ri chluinntinn beò air BBC Radio nan Gàidheal.