Bàrd a' Chomuinn Ghàidhealaich 2025: Anna Frater

- Air fhoillseachadh
Chaidh Anna Frater à Leòdhas a chrùnadh mar Bhàrd a' Chomuinn Ghàidhealaich aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar.
'S i an 61mh neach air an deach an t-urram a bhuileachadh on chaidh a stèidheachadh bho chionn 100 bliadhna.
Tha i a' gabhail thairis tiotal Meg Bateman a fhuair an duais litreachais as cliùitiche aig a' Mhòd an-uiridh.
Dh'fhàg Anna dachaigh a h-òige am Pabail Uarach san Rubha airson a dhol a dh'Oilthigh Ghlaschu far an tug i a-mach ceum urramach ann an Ceiltis agus Fraingis.
Fhuair i trèanadh mar thidsear aig Colaiste Chnoc Iòrdain mus deach i air ais dhan oilthigh far an do rinn i PhD le tràchdas air a' bhàrdachd Ghàidhlig a sgrìobh boireannaich Albannach suas gu 1750.

Tha i fhèin air cliù a chosnadh mar bhàrd bhon uair sin agus tha a cuid sgrìobhaidh air nochdadh an grunn leabhraichean, an fheadhainn aice fhèin nam measg.
Chaidh Fon t-Slige, a' chiad chruinneachadh aice, ainmeachadh mar an Leabhar Gàidhlig a b' Fheàrr aig a' Mhòd, agus 's i a bhuannaich duais Dhòmhnaill J MhicÌomhair airson an Sgeòil Ghoirid as fheàrr a' chiad turas a chaidh a toirt seachad.
Tha Anna ag ràdh gu bheil i air a "dòigh ghlan an t-urram seo fhaighinn".
Thuirt i: "Nuair a choimheadas mi air an fheadhainn a bhuannaich romham chan eil mi cinnteach a bheil mi airidh a bhith nam measg.
"Chan urrainn dhomh ach a bhith a' smaoineachadh air na bàird chliùiteach a thug taic dhomh, Ruairidh MacThòmais agus Ciorstaidh Anna NicLeòid, agus tha mi an dòchas gum bi cothrom agam sgrìobhadh Gàidhlig a bhrosnachadh, gu sònraichte sna h-Eileanan an Iar, sa bhliadhna ri teachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh16 An Dàmhair 2024
- Air fhoillseachadh18 An Dàmhair 2023
- Air fhoillseachadh13 An Dàmhair 2021
- Air fhoillseachadh16 An Dàmhair 2019