Bu chòir fir òga a bhrosnachadh seinn sa Bhonn Òir a rèir a' Chomuinn Ghàidhealaich

- Air fhoillseachadh
Tha Cathraiche a' Chomuinn Ghaidhealaich ag ràdh gun dèan iad rannsachadh air carson nach eil na h-uimhir de dh'fhir a' cur a-steach airson farpais seinn a' Bhuinn Òir.
Tha dùil nach bi ach dithis san fharpais Diciadain.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Magaidh Choineagan gu bheil 's dòcha barrachd ùidh ann am farpais an t-seann nòis seach mar a chleachd.
Thuirt i gun do dh'innis seinneadair òg dhi gur e as coireach gu ìre Ruairidh Gray oir "tha e air an seann nòs a dhèanamh cho cool!"
Dh'fhaodadh sin a bhith fìor ach tha i ag ràdh gur e "call" a bhiodh ann mura biodh farpais a' Bhuinn Òir ann tuilleadh.
Cathraiche a' Chomuinn Ghàidhealaich, Magaidh Choineagan, a' còmhradh le Dòmhnall Moireasdan air Aithris na Maidne
"Chan eil rian nach urrainn dhuinn dòigh fhaighinn, còmhla ri buidhnean eile, air mar as urrainn dhuinn grèim a chumail air an òigridh a bha cho mìorbhaileach agus cho tlachdmhor fad an là an-dè."
Bha i a' toirt iomradh air co-fharpaisean na cloinne a thàinig gu crìch Dimàirt.
Bha cuid a bha an-sàs annta a' gearan mu dhàil ann an cuid de dh'fharpaisean agus na h-uimhir a' gabhail pàirt annta.
Tha an Comunn Gàidhealach air an leisgeul a thabhainn ach thuirt Magaidh Choineagan nach eil e "mìorbhaileach air an làimh eile gu bheil uimhir a' tighinn chun nan co-fharpaisean".
Tha e cudromach, tha i ag ràdh, gu bheil "a h-uile duine a tha a' dol air àrd-ùrlar a' faighinn spèis, comhairle a nì feum agus a bheir ionnsachadh dhaibh".
Ghabh i ris gur e "rud snìomhte a th' ann a thaobh logistics agus gun coimhead iad ri cùisean a dhèanamh nas sgiobalta".