Cùis mhuirt: "Thèid mi a-mach ann am blaze of glory"

An Àrd-Chùirt an Dùn ÈideannTùs an deilbh, PA
  • Air fhoillseachadh

Chuala cùis-lagha an aghaidh Sgitheanaich a tha fo chasaid muirt agus trì chasaidean oidhirp air murt gun tuirt e gun robh e a' dol a "shortadh a-mach" an lìghiche-chnàmhan aige, agus gun deadh e fhèin a-mach ann am "blaze of glory".

Chaidh innse don Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann cuideachd gun robh Fionnlagh Dòmhnallach air bhidio a shealltainn do charaid dha san robh riochdan de chinn dhaoine gan cleachdadh mar thargaidean 's duine ag amas orra leis an dearbh sheòrsa ghunna 's a bh' aige fhèin

Tha Mgr Dòmhnallach fo chasaid gun do dh'fheuch e ri John Don MacCoinnich, a bh' air a dhreuchd mar lighiche-chnàmhan a leigeil dheth, a mhurt cuide ris a' bhean aige, Fay, gun do rinn e oidhirp air a' bhean aige fhèin Rowena Dhòmhnallach a mhurt, agus gun do mhuirt e a bhràthair-cèile John MacFhionghain.

Tha Mgr Dòmhnallach a' dol às àicheadh nan casaidean gu lèir agus chuir e air adhart dìon sònraichte nach robh e aige fhèin aig an àm.

Tha a' chùis a' leantainn.