Chan eil fhios cuin a thilleas seirbheis Aiseag a' Chorrain

Aiseag a' Chorrain
  • Air fhoillseachadh

Tha seirbheis Aiseag a' Chorrain ann an Loch Abar dheth agus chan eil e soilleir an till i ro dheireadh na seachdaineach.

'S i Comhairle na Gàidhealtachd a tha a' ruith na seirbheis eadar Loch Abar Ìochdarach agus Àird Ghobhair.

Bha trioblaidean stiùiridh aig a' phrìomh bhàta, an MV Corran, aig an deireadh-sheachdain.

Tha i air a bhith a-mach à seirbheis bhon uair sin agus thèid obair-càraidh a dhèanamh oirre.

Aig a' cheart àm, tha an soitheach faochaidh, am Maid of Glencoul, anns an doca airson obrach bliadhnail.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach fhada gus an till i gu làn-sheirbheis ge-tà.

Tha astar de 42 mìle air an rathad eadar Loch Abar Ìochdarach agus Àird Ghobhair.

Chan eil an t-aiseag a' toirt ach còig mionaidean.