Luchd-obrach a bharrachd do Sgoil Dhruimein an Inbhir Nis

Sgoil Dhruimein
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gum bi luchd-obrach a bharrachd ag obair aig sgoil shònraichte Dhruimein ann an Inbhir Nis.

Tha ceistean aig pàrantan agus a' choimhearsnachd co-dhiù bi gu leòr sa cheum seo agus am bi e a rèir fheumalachdan na cloinne.

Thuirt aonadh an GMB gu bheil an suidheachadh aig Sgoil Dhruimein eagallach do sgoilearan agus dhan luchd-obrach leis nach eil banaltram stèidhichte anns an sgoil tuilleadh.

Thog an t-aonadh ciùird Unison dragh mu chion luchd-obrach o chionn bhliadhnaichean.

Tha Comahirle nam Parant ag ràdh gur e suidheachadh èiginneach a th' ann.

Ann an litir gu pàrantan, luchd-cùraim agus luchd-obrach, dh'innis a' Chomhairle gun tèid barrachd thidsearan agus luchd-obrach sgoile fhastadh.

Thuirt iad gu bheil iad an dòchas banaltram fhastadh san t-Samhain.

Cha do dh'innis iad ge-tà, co-dhiù bi iad stèidhichte anns an sgoil fhèin, mar a dh'iarradh pàrantan.

Dh'iarr pàrantan cuideachd soillearachadh bhon Chomhairle mu cia mheud tidsear agus luchd-obrach a bhios anns an sgoil agus dùil ri 116 sgoilearan air a' bhliadhna-sgoile seo.