Tubaist rathaid faisg air Inbhir Theòrsa

Poileas
  • Air fhoillseachadh

Chaidh neach a thoirt dhan ospadal le heileacoptair às dèidh tubaist rathaid air an A9 faisg air Inbhir Theòrsa.

Thachair an tubaist goirid às dèidh 11:00m Diciadain.

Thuirt Seirbheis Charbadan Eiridinn na h-Alba gun deach an neach a thoirt gu Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.