Naidheachdan 11:00m
Naidheachdan 11:00m
- Air fhoillseachadh
Cìsean
Tha buidheann de dh'eòlaichean eaconamach ag ràdh gum bu chòir dhan t-Seansalair cìsean a chur an-àirde ann am buidseat an fhoghair - ma tha i a' dol a chumail ris na riaghailtean fioscail aice fhèin. Thuirt an t-Institiud Nàiseanta airson Rannsachaidh Eaconamaich agus Shòisealta (NIESR) gu bheil beàrn de chòrr is £40bn san ionmhas phoblach. Tha iad ag ràdh gu bheil fàs eaconamach slaodach, a bhith a' gèilleadh air gearraidhean ann an sochairean agus na tha a' tachairt gu h-eadar-nàiseanta a' ciallachadh gu bheil coltas ann gum feum cìsean èirigh.
Cumhachd
Tha an obair a' leantainn gus cumhachd a thilleadh gu na mìltean dhachaighean ann an ceann a tuath na h-Alba a tha gun chumhachd an dealain ri linn Stoirm Floris. Thuirt a' chompanaidh dhealain SSEN gun deach cumhachd a thilleadh gu 95% den luchd-cleachdaidh a bha air a chall. Tha faisg air 4,000 fhathast a' feitheamh gus an dealan fhaighinn air ais.
Hiroshima
Rinnear ùrnaigh shàmhach ann an Hiroshima a' comharrachadh 80 bliadhna bho chaidh am boma atomach Aimeireaganach a leagail air a' bhaile. Chaidh mu 140,000 duine a mharbhadh. B' e a' chiad ionnsaigh niùclasach san t-saoghal. Leag na Stàitean Aonaichte an dàrna bom air Nagasaki beagan làithean às dèidh làimh. Ghèill Iapan taobh a-staigh cola-deug.
Aiseag a' Chorrain
Tha luchd-iomairt mu sheirbheis aiseig a' Chorrain ann an Loch Abar a' gearran gun deach an leigeil sìos uair eile, agus an t-seirbheis dheth an t-seachdain seo a-rithist ri linn duilgheadasan teicnigeach. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd - a tha a' ruith na seirbheis - gu bheilear a' feitheamh airson pàirt airson an MV Corran a chàradh. Tha an dàrna bàta aca cuideachd air falbh airson càraidh bhliadhnail.
Comhairliche
Chaidh comhairliche ann an Obar Dheathain a chur às a dreuchd fad ceithir mìosan as dèidh èisteachd le Coimisean Inbhean na h-Alba. Fhuair an èisteachd gun do bhris Jennifer Stiùbhart còd inbhean nan comhairlichean le a bhith a' dèanamh dìmeas air a' Mhorair Phròbhast, Dàibhidh Camshron. Thuirt iad gum faodadh i a bhith air a chliù - agus cliù na Comhairle - a mhilleadh.
Teine an Eilginn
Bha luchd-smàlaidh ag obair tron oidhche airson dèiligeadh ri teine mòr aig ionad ath-chuairteachaidh ann am Moireibh. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu J Gordon Williamson air Rathad Moycroft ann an Eilginn mu 10:30f an-raoir. Bha sia carbadan smàlaidh agus carbadan eile ann aig aon àm. Chan eil aithrisean ann gun deach duine a ghoirteachadh.