950 dachaigh fhathast gun dealan

- Air fhoillseachadh
Tha mu 950 dachaigh an ceann a tuath na h-Alba fhathast gun dealan trì làithean an dèidh Stoirm Floris.
Thuirt SSEN gu bheil iad air cumhachd a thilleadh gu còrr air 71,000 dachaigh, ach gu bheil iad fhathast ag obair air 950 a bharrachd, agus gur e Floris an stoirm shamhraidh a bu mhilltiche bhon is cuimhne leotha.
Tha 75% den 950 dachaigh sin air Ghàidhealtachd, a rèir SSEN, agus chaidh na ceudan luchd-einnsinnìridh a chur gu tuath à sgìrean eile den dùthaich air nach tug an stoirm buaidh cho mòr.
Mhol Comhairle na Gàidhealtachd do dhaoine nach eil air lìonra uisge na pìoba an t-uisge aca a ghoil mus òl iad e, leis gur dòcha gun tug an cion-dealain buaidh air siostaman giollachd an uisge.
Dh'innis Network Rail gun do dh'fhosgail iad na trì loidhnichean rèile a bha fhathast dùinte Diciadain ri linn buaidh na stoirme.
Airgead-dìolaidh
Dh'adhbharaich Stoirm Floris troimhe-chèile mhòr Diluain, le rabhadh Òmar an sàs airson droch aimsire 's bha trèanaichean, aiseagan, agus plèanaichean dheth, 's rathaidean dùinte.
Chaill còrr air 70,000 dachaigh air Ghàidhealtachd, ann am Moireibh agus Siorrachd Obar Dheathain an dealan.
Thuirt SSEN gum faod daoine a tha gun dealan an dèidh na stoirm iarrtas a dhèanamh air-loidhne airson airgid-dhìolaidh. Gheibhear £30 an duine airson gach là a bha an dealan dheth mu choinneimh chosgaisean bìdh is deoch.
Fo stiùireadh riaghladair a' chumhachd Ofgem dh'fhaodadh gum bi cothrom aca air airgead-dìolaidh a bharrachd air sin cuideachd.
Gheibhear £85 ma bhathar gun dealan còrr air dà là, le £40 a bharrachd airson gach sia uairean a bharrachd air sin.
Gheibhear seo gun iarraidh mar lasachaidhean air cunntasan dealain.
Thug Oifis na Sìde rabhadh seachad gu bheil dùil ri tuilleadh gaoithe is uisge neo-àbhaisteach mun iar-thuath Diardaoin.