"Mura bi cànan ann cha bhi ceòl ann"

Tha Magaidh Choineagan a' brosnachadh dhaoine a' Ghàidhlig a bhruidhinn cho mòr agus as urrainn dhaibh
- Air fhoillseachadh
Dh'iarr Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich air luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig an cànan a chleachdadh a h-uile cothrom a gheibh iad fhad 's a bhios iad aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.
Sin am prìomh theachdaireachd a bhios aig Magaidh Choineagan na h-òraid aig cuirm fosglaidh prìomh fhèis na Gàidhlig sa Ghearasdan oidhche Haoine.
Thuirt i: "Mura bi cànan ann cha bhi ceòl ann
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e àite mar mhòd far a bheil tòrr inbheach le Gàidhlig gur e àite sònraichte a th' ann airson brosnachadh a thoirt air na tha a' tighinn de chloinn.
"Rud a chì na big 's e an rud a nì na big."
Tha Ms Choineagan ag ràdh gur e "briseadh-dùil" nach eil ach triùir fhear a-staigh airson farpais a' Bhuinn Òir.
"Tha e a-riamh air a bhith doirbh fireannach a thoirt gu àrd-ùrlar agus b' fheàrr leinn gun robh e na b' fhèarr."
Thuirt i gun cùm iad orra a' brosnachadh fhireannach pàirt a ghabhail sna farpaisean mòra seinn. Bidh iad sin air an cumail am-bliadhna-sa ann an teanta mhòr ri taobh Ionad Nibheis.

Rinneadh moladh air an obair mhòr a rinn tè-ghairm na comataidh ionadail, Carolyn Groat, agus na buill eile
Rinn Ms Choineagan moladh mòr air "obair ionmhalta" na comataidh ionadail ris a bheil tallachan agus goireasan eile an urra, cho math ri bhith a' cur air dòigh thachartasan air iomall a' Mhòid.
"Tha rudeigin ann airson a h-uile duine, tha sinn an dòchas," tha tè-ghairm na comataidh, Carolyn Groat, ag ràdh.
Am meag na bhios ann, bidh farpais "ùr agus inntinneach" air a bheil Gabh Òran san teanta mhòir a h-uile feasgar, agus iad an dòchas gur e "deagh chraic a bhios ann".
Thuirt Carolyn: "Faodaidh duine sam bith a dhol air an àrd-ùrlar airson òran a ghabhail ach chan eil agad ri faclan a chur a-staigh oir 's ann mu dheidhinn mar a chuireas tu an t-òran tarsainn agus mar a tha an luchd-èisteachd a' smaoineachadh air na rinn thu cuideachd!"
Tha dùil ri suas ri 10,000 duine aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar eadar luchd-frithealaidh agus farpaisich.
Tòisichidh an fhèis oidhche Haoine le caismeachd lòchrain tron Ghearsadan agus cuirm fosglaidh an Ionad Nibheis far am bi, am measg eile, na còmhlain Ceilear agus Dàimh air an àrd-ùrlar.