Bann-leathann fìor-luath beò ann an Tiriodh is Idhe

Bann-leathann fìor-luath ga chur an sàs Tùs an deilbh, Openreach
  • Air fhoillseachadh

Tha bann-leathann fìor-luath a-niste ri fhaighinn 'son a' chiad uair ann an Tiriodh agus Eilean Idhe.

Chuir Openreach an t-seirbheis leasaichte an sàs fon phrògram A' Ruighinn 100% aig Riaghaltas na h-Alba.

Gheibh muinntir Thiriodh a-niste cothrom air cuid den bhann-leathann as luaithe agus as earbsaiche san Roinn Eòrpa, agus tha cothrom aig a h-uile duine ann an Idhe air cur airson piseach fhaighinn.

Tha obair fhathast a' dol ann an Tiriodh, le cabhag air an luchd-einnsinniridh a chrìochnachadh mus tig na traoin agus eòin eile as t-Earrach.

Bu chòir a-niste gum faigh daoine san dà eilean air conaltradh bhidio, sruthadh phrògraman, agus luchdachadh a-nuas a dhèanamh gun bhriseadh.

Coimhearsnachdan Dùthchail

"'S e clach-mhìle mhìorbhaileach a th' ann an seo do Thiriodh agus Idhe, agus e na shàr-eisimpleir air na tha maoineachadh Riaghaltas na h-Alba airson bann-leathainn a choileanadh air feadh na dùthcha, a' fosgladh suas chothroman ùra do dhaoine agus ghnothachasan, gu h-àraid do roinn na turasachd," thuirt Ministear a' Ghnothachais, Richard Lochhead.

"Tha cothrom luath a bhith agad air an eadar-lìon riatanach anns an là a th' ann, gach cuid airson fàs eaconamaich agus beatha làitheil, agus tha mi air leth toilichte gu bheil na daoine agus gnothachasan seo - a thuilleadh air mòran de na nàbaidhean aca ann am Muile - a-niste le cothrom buannachd fhaighinn às."

Tha na leasachaidhean anns an dà eilean nam pàirt de leudachadh nas fharsainne, le dùil gum faigh coimhearsnachdan dùthchail air feadh Alba buannachd às sna mìosan a tha romhainn.

Faodar coimhead feuch a bheil cothrom ann an diofar sgìrean aig www.openreach.co.uk/r100 , taobh a-muigh agus òrdugh a chur airson seirbheis làn-fibre tro fharsainneachd de luchd-frithealaidh.