Eucoirich ri milleadh "uair is uair" air taighean-beaga poblach Inbhir Ùige

Soidhne taighean-beaga poblachTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh concrait a dhòrtadh air an acainneachd sna taighean-beaga, am measg eile

  • Air fhoillseachadh

Tha na Poilis a' toirt sùil air bhideothan CCTV an dèidh dol a-mach mì-shòisealta agus milleadh "uair is uair" air taighean-beaga poblach ann an Inbhir Ùige.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun deach concrait a dhòrtadh air uidheamachd, an goireas a chur na theine, na taighean-beaga fhèin a mhilleadh agus fuil a sgapadh air na ballachan, am measg eile.

B' fheudar na taighean-beaga poblach a dhùnadh iomadach turas, agus tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gur e "caitheamh" airgead luchd-pàighidh nan cìsean a bh' ann.

Thuirt a' Chomhairle gun do bhruidhinn na Poilis ri òganaich roimhe agus gun robh oifigearan a' coimhead air bhideothan ùra.

Tha na taighean-beagan am meadhan Steòrnabhaigh fhathast dùinte an dèidh mar a rinn eucoirich milleadh air an togalach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo