Am mìr sgudail "rèidio-beò as làidire" a fhuaireadh an trì bliadhna aig Dùnrath

Ionad Niuclasach DhùnrathTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh a' bhloigh a lorg faisg air Dùnrath sa Ghiblean

  • Air fhoillseachadh

'S e mìr de sgudal rèidio-beò a lorgadh faisg air seann ionad niùclasach Dhùnrath ann an Gallaibh sa Ghiblean am fear as làidire a lorgadh ann an trì bliadhna, a rèir an fheadhainn a tha a' ruith na làraich.

Chaidh am mìr "cudromach" a lorg air a' chladach an iar air Dùnrath.

Fhuair cnapan connaidh niùclasaich a tha mu mheud làimhe mu sgaoil ann an siostam drèanaidh Dhùnrath anns 1960an agus 1970an.

Thòisich an obair gus dèiligeadh ris an truailleadh sna 1980an, an dèidh mar a lorgadh bloighean air a' chladach.

Chaidh mìr a' Ghiblein a lorg nuair a bhathar a' dèanamh obair sgrùdaidh timcheall air an ionad niùclasach.

Ionad Niuclasach DhùnrathTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

'S e seann ionad cumhachd probhail a th' ann an Dùnrath a tha a-nis gà dhùnadh sìos

Tha eòlaichean neo-eisimeileach, a tha a' comhairleachadh Buidheann Àrainneachd na h-Alba (SEPA) agus Dùnrath, a' rangachadh mhìrean a thaobh rèididheachd na tha de caesium-137 annta.

'S e na rangan beag, buntainneach agus cudromach.

Tha cudromach a' ciallachadh gun deach barrachd na aon mhillean becquerel de CS-137 a chlàradh.

'S e aonad beag de rèididheachd a th' ann am becquerel.

'S ann sa Mhàrt 2022 mu dheireadh a lorgadh mìr cudromach faisg air an t-seann ionad niùclasach a tha a-nis ga thoirt às a chèile agus ga ghlanadh.

Chaidh na mìlltean de mhìrean de dhiofar sheòrsachan a thoirt air falbh bho na cladaichean agus grunnd na mara ann an Dùnrath.

Thathar a' dèanamh obair sgrùdaidh a h-uile cola-deug, a rèir na companaidh ris a bheil an làrach an urra.