60 dràibhear gan stad air slighe NC500

Drochaid Dhòrnaich
- Air fhoillseachadh
Bha dràibhear tractair ann an Cataibh a dh'fhaillich deuchainn dibhe agus dhrogaichean agus aig nach robh cead dràibhidh no àrachas am measg còrr is 60 neach a chaidh a stad ann an iomairt phoilis air slighe thurasachd an NC500 thar deireadh na seachdain.
Chaidh stad a chur air nuair a bha e air Drochaid Dhòrnaich.
Thug na poilis an duine an grèim agus dh'fhalbh iad leis an tractar aige.
Thuirt Poileas Alba gun do chuir iad an iomairt air dòigh an dèidh do dhaoine a tha a' fuireach sa sgìre gearan a dhèanamh agus draghan a thogail agus an dèidh do dhroch thubaistean a bhith ann.
Chaidh còrr is 60 dràibhear a stad, sin feadhainn ann an càraichean, air motar-baidhseagalan, baidhseagalan agus ann am bhanaichean-campachaidh.
Ghlacar feadhainn a' dràibheadh gu mì-chùramach, no ro luath. Bha dithis gun àrachas agus neach gun chrios-sàbhalaidh.
Chaidh dithis a stad 's iad air an fhòn-làimhe aca agus chaidh staid nan carbadan a thogail le triùir.
Thuirt neach-labhairt Poileas Alba gu bheil a bhith a' dol ro luath, gun chùram, fo bhuaidh na dibhe agus dhrogaichean, agus a bhith a' cleachadh fòn-làimhe am measg nam prìomh rudan a tha ag adhbharachadh tubaistean rathaid.
"Bu chòir dùil a bhith aig duine sam bith nach eil a' cumail ri na h-ìrean sàbhailte gun tèid dèiligeadh riutha gu làidir a rèir laghan sàbhailteachd rathaid," thuirt e.