An Comunn a' tabhainn leisgeil mu dhàil aig a' Mhòd

Mòd 2025Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
  • Air fhoillseachadh

Thabhainn an Comunn Gàidhealach leisgeul airson mar a chaidh dàil air cuid de dh'fharpaisean aig a' Mhòd Dimàirt.

Bha buaidh air cùisean sa mhadainn gu sònraichte is farpaisean a' ruith air dheireadh.

Tha an Comunn ag ràdh gur e là air leth trang a bh' ann is gu bheil gnothaichean a-nise a' tilleadh chun na h-àbhaist.

"Tha sinn air ar dòigh le na tha an sàs agus àireamhan cho àrd ann an iomadach farpais," thuirt Cathraiche a' Chomuinn Ghàidhealaich, Magaidh Choineagan

"'S iad 47 farpaisean a th' againn an-diugh fhèin is 40 farpaiseach ann an cuid de dh'fharpaisean, a cheart cho math ri ochd tachartasan iomaill, mar sin 's e Dimàirt glè thrang a th' ann aig a' Mhòd.

"Tha sinn duilich mun dàil a bh' air cuid de dh'fharpaisean. Le na th' ann de thachartasan a' dol aig an aon àm, nì sinn gach oidhirp a h-uile càil a chumail ris an uair gus an còrd am Mòd ris a h-uile duine.

"Tha ar cathraichean air a bhith a' cumail farpaisean fosgailte cho fad 's as urrainn dhaibh gus cothrom a thoirt dhan fheadhainn a tha an sàs aig barrachd na aon tachartas. Tha a h-uile farpais air ais ris an uair o oidhche Mhàirt air adhart.

"Bu mhath leinn a ràdh cho taingeil 's a tha sinn don h-uile duine a tha an sàs, agus airson an cuid foighidinn, agus sinn a' taisbeanadh an tàlant a tha nar measg an t-seachdain sa."

Thuirt an Comunn cuideachd gu bheil britheamhachd na pàirt air leth cudromach den Mhòd is gu bheil cùram air na britheamhan gus dèanamh cinnteach gun toir iad seachad beachdan a tha cothromach agus togarrach.

Thuirt iad nach eil pròiseas na britheamhachd air atharrachadh am-bliadhna idir.