Misneachd: Dè mar as fheàrr a ghabhas laghan ùra na Gàidhlig a chleachdadh?

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail ga chumail ann an Loch Abar am-bliadhna
- Air fhoillseachadh
Bidh coinneamh phoblach aig a' bhuidhinn-iomairt Misneachd aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail an Loch Abar Diciadain a dheasbad na slighe air adhart do leasachadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd agus Achd nan Cànanan Albannach a-nis na lagh.
Bidh iad cuideachd a' cur air bhog pàipeir ùir, sgrùdadh earrann air earrann air an Achd agus a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aige air leasachadh a' chànain.
Ged a tha Sgìrean Cànain Sònraichte, planaichean Gàidhlig coimhearsnachd agus planadh coimhearsnachd air fad air an ainmeachadh san Achd, tha Misneachd ag ràdh "nach eil fhios le cinnt fhathast dè gu buileach a' bhuaidh a bhios aig na structaran ùra seo".
Cluinnear aig a' choinneimh phoblaich bho riochdairean diofar bhuidhnean is choimhearsnachdan ann an Alba, cho math ri oifigear planadh cànain bho eilean Inis Oírr ann an Gaeltacht na h-Èireann.
- Air fhoillseachadh25 An t-Sultain
- Air fhoillseachadh31 Am Màrt
Tha Misneachd a' sireadh gheallaidhean bho na pàrtaidhean poiliteagach uile mus bi taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba ann an ath-bhliadhna air mar a bhiodh iad fhèin a' cleachdadh nan cumhachdan ùra a tha san Achd.
Thuirt neach-labhairt na buidhne, Màrtainn Mac a' Bhàillidh: "Tha e air leth cudromach gum bi na riaghailtean ùra a thig a-mach às an Achd cho làidir 's a ghabhas, gu h-àraid a thaobh leasachadh coimhearsnachd, agus gun tèid an cur an gnìomh cho luath 's a ghabhas."
Bidh a' choinneamh phoblach san Teanta Mhòir aig a' Mhòd aig 11:00m Diciadain.
Bidh stàile aig Misneachd san Teanta fad seachdain a' Mhòid agus tha iad ag ràdh gum bi fàilte ron a h-uile duine a th' airson barrachd ionnsachadh mun obair aca.