"Cruaidh fheum air boireannaich aig àrd-ìre sa roinn phoblaich sna h-Eileanan"

Bha timcheall air 20 boireannach an làthair aig a' chiad choinneimh Dimàirt
- Air fhoillseachadh
Choinnich buidheann de bhoireannaich Dimàirt ann an Steòrnabhagh gus bruidhinn air na cuspairean a tha cudromach dhaibhsean nan coimhearsnachdan.
Bha seo mar phàirt de sreath thachartasan poblach air an ruith le Co-chruinneachadh Albannach nam Ban (Scottish Women's Convention).
Stèidhich Riaghaltas na h-Alba a' bhuidheann ann an 2003 gus am faigheadh beachdan bhoireannach èisteachd bhon fheadhainn a tha a' dèanamh phoileasaidhean.
Thig aithisg às na seiseanan dhaibhsan a ghabh pàirt annta, do bhuill-phàrlamaid ionadail agus nàiseanta agus do dhaoine aig ìre phoileasaidh na dùthcha.
'S e an t-amas guth a thoirt do bhoireannaich airson aithne a thoirt do na rudan a tha a' cur dragh orra air a bheil iad airidh aig àrd-ìre.

Beachdan bhoireannach gan tional ann an Leòdhas agus na Hearadh
Chaidh da sheisean a chumail ann an Steòrnabhagh. Tha tachartasan air a bhith san Eilean Sgitheanach, Inbhir Ùige, Dùn Dè, Inbhir Nìs agus Dùn Phrìs is Gall-Ghàidhealaibh.
A-measg nan cuspairean air an robh iad a' bruidhinn san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse bha turasachd, taigheadas, còmhdhail, òigridh is foghlam agus slàinte is cùram sòisealta
'S e foghlam, gainnead taic laghail gu h-ionadail a bharrachd air seirbheisean slàinte do bhoireannaich am measg nan cuspairean a thog ceann ann an Steòrnabhagh.
Thuirt Agnes Tolmie, Cathraiche na buidhne: "Tha mise a' fuireach ann an Glaschu 's thèid agam air coiseachd a-steach do dh'oifis an dotair agam 's coinneamh a chur air dòigh, ach tha e coltach gu bheil e air leth doirbh dotair fhaicinn sna h-Eileanan.
"Chan eil sin idir math gu leòr na làithean-sa," thuirt i.
Bha còmhradh cuideachd ann mun chruaidh fheum a th' ann gum bi boireannaich air a' Chomhairle agus ann an àrd-dhreuchdan poblach.
Chithear cuid de na beachdan air an do bhruidhinn na diofar bhuidhnean an seo, taobh a-muigh.
Bidh tachartas eile aca air an Tairbeart, taobh a-muigh air Diardaoin eadar 12:30f agus 2f.