Ospadal nas motha air fàire dhan Ghearasdan

Dealbh de choltas a bhios air Ospadal ùr Loch AbairTùs an deilbh, NHS na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Chaidh planaichean airson ospadail ùir dhan Ghearasdan atharrachadh gus a dhèanamh nas motha.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag obair còmhla ri Comhairle na Gàidhealtachd airson ospadal ùr luach £137m a chur an àite seann Ospadal a' Bhelford sa bhaile a tha 60 bliadhna de dh'aois.

Thèid a thogail air làrach air a' Bhlàr Mhòr, faisg air Caol, le maoineachadh air a chur mu seach airson bliadhna-ionmhais 2025/26 air a shon.

Thèid meud an ospadail a leudachadh bho 8,500 meatar ceàrnagach gu 12,400 meatar ceàrnagach ri linn inbhean ùra cùraim slàinte a tha a' sònrachadh gum bu chòir àiteachan clionaigeach a bhith nas motha.

Tha muinntir Loch Abair air a bhith ag iomairt o chionn còrr air 20 bliadhna airson 's gun tèid ospadal ùr a thogail - rud a chaidh a mholadh an toiseach anns na 1990an.

Tha am plana ùr air a dhealbh air thoiseach air iarrtas airson cead-dealbhachaidh ann am prionnsabal airson a' phròiseict.

Dh'fhaodadh gun tòisich obair-togail san Damhair 2027, ged a bha dùil roimhe gur ann am-bliadhna a thòisicheadh e.

Dhearbh Rùnaire na Slàinte, Niall Gray, san Dàmhair an-uiridh nach eil clàr-ama dearbhte ann airson a' phròiseict.