Buaidh mhaireannach nan tubaistean mairbhteach air an A9

Katie Bastion-Strong a bhàsaich ann an tubaist air an A9 ann an 2022 còmhla ris an duine aice, Chris, leis na nighnean aca.
- Air fhoillseachadh
Thàinig turas a dh'Alba a bha còir a bhith sònraichte gu ceann ann an dòigh uabhasach do theaghlach Chris Strong.
Bha a bhean, Katie, air siubhal bho na Stàitean Aonaichte chun na Gàidhealtachd còmhla ri a bràthair agus am màthair gus tadhal air làraich bhon phrògram telebhisean a b' fheàrr leotha, Outlander.
Ach cha do thill iad dhachaidh. Bhàsaich an triùir aca air rathad an A9 san Lùnastal 2022.
Chuir an tubaist ris na h-àireamhan de dhaoine a tha air am beatha a chall air an rathad ainmeil seo.
Chaill 48 neach am beatha air an t-slighe eadar Inbhir Nis agus Peairt san deich bliadhna a dh'fhalbh.
Tha an rathad tric ag atharrachadh bho shlighe dhùbailte gu dà-fhìllte. Chithear draibhearan tric a' dol luath gus faighinn seachad air carbadan a tha a' siubhal aig astar nas slaodaiche.
Bha còir aig an obair gus na slighean a tha fhathast dùbailte a dhèanamh dà-fhìllte a bhith deiseil ann an 2025 – ach chan eil dùil a-nis gum bi seo deiseil gu 2035.

Thuirt Chris gur e a bhean an "glaodh" a chum na rudan sònraichte san teaghlach aige còmhla
Dh'innis Chris Strong, a tha a' fuireach an Chicago leis na triùir nigheannan aige, do Eòrpa mun bhuaidh mhaireannaich a bha aig an tubaist orra.
Thuirt e gun robh a bhean Katie mar "an glaodh a bha a' cumail nan rudan sònraichte nar teaghlaichean còmhla".
"Bha i àlainn, agus 's i an neach a bha ag obair nas cruaidhe na duine sam bith eile ris an do choinnich mi a-riamh.
"Cha suidheadh i na tàmh agus bha i cho àrd-amasach agus an-còmhnaidh ag ionnsachadh agus an-còmhnaidh san sgoil. Bha i an-còmhnaidh a' coimhead às dèidh dhaoine."
Thuirt Chris, a bhios a' togail dhealbhan, gu bheil e a' cumail cuimhne Katie agus a teaghlach beò.
"Bidh sinn a' feuchainn ri bhith a' bruidhinn mu deidhinn tric. Tha mi a' faireachdainn gu bheil i fhathast nar dachaigh."

Thuirt Chris gu bheil e fhathast a' faireachdainn gu bheil Katie ann an dachaigh an teaghlaich
Bha Katie 46 nuair a thadhail i air Alba còmhla ri a bràthair Jared Bastion, 45, agus am màthair Mary-Lou Mauch.
Bha iad uile dèidheil air Outlander. Bha iad ga choimhead fhad 's a bha iad a' coimhead às dèidh an athair, David, agus dementia air.
Air an turas aca, thadhail iad air làrach Blàr Chùil Lodair faisg air Inbhir Nis.
Bha iad air slighe dhùbailte den A9 deas air an Aghaidh Mhòir nuair a bhuail an càr aca ann an làraidh.
Bhàsaich Mary-Lou agus Jared aig an làraich. Bhàsaich Katie, a bha a' draibheadh, san ospadal ceithir là às dèidh seo.
Cha deach draibhear na làraidh a ghoirteachadh.
Eòrpa: An A9
BBC Alba a' rannsachadh mar a tha dàil air an A9 a dhèanamh dà-fhìllte eadar Inbhir Nis agus Peairt
Coimhead air an iPlayer bho 06:00, Diluain 25mh Lùnastal.
Thuirt Chris: "Chan eil fhios agam carson a thachair e.''
"Bha i a' dol a thionndadh chun na làimh deise far an A9, agus thionndaidh i air beulaibh làraidh."
Bha Chris air an ath itealan a dh'Alba an dèidh dha cluinntinn mun tubaist.
Bha Katie a' faighinn cùraim san ospadal ann an Dùn Dè.
Thuirt Chris: "Fhuair mi ann ann an ùine airson a faicinn. Bha i air inneal-anailachaidh.
"Fhuair mi 's dòcha 24 uairean còmhla rithe.
"An uair sin rinn iad deuchainnean agus cho-dhùin iad nach robh i a' dol a thilleadh."

Chaidh Ronnie Weir a ghoirteachadh ann an tubaist air an A9 ann an Siorrachd Pheairt
Tha cuid eile air a bhith an sàs ann an tubaistean iad fhèin.
Bha Ronnie Weir, a tha a' fuireach beagan mheatairean air falbh bhon rathad ann an Dubhailigh, Siorrachd Pheairt, ann an tubaist sa Ghiblean 2017.
Bha e a' draibheadh dhachaigh bho Bhaile Chloichridh nuair a thàinig càr mu choinneamh air taobh eile an rathaid, agus bhuail iad a chèile.
Bha an neach a bha a' draibheadh sa chàr eile air hemorrhage eanchainn fhulang agus air bàsachadh air cùl na cuibhle ron tubaist.
Tha Ronnie, a chaidh a ghoirteachadh mu chasan, ag ràdh gu bheil e a' faireachdainn buaidh na tubaiste gach là.
"Uaireanan tha e duilich bruidhinn mu dheidhinn," thuirt e.

Tha Elaine NicCoinnich ag ràdh gu bheil a creideamh cudromach dhith, agus i ag ullachadh airson tursan air an A9
Bidh Elaine NicCoinnich a' draibheadh làraidhean agus i tric a' cleachdadh an A9. Thuirt i gum bi i ag ùrnaigh gach turas a chleachdas i an rathad.
"Bidh mi ag ùrnaigh a h-uile trup a bhios mi a' dol air an A9. Bidh mi ag ùrnaigh dhomh fhèin, dhan làraidh agam fhèin, ach cuideachd airson a h-uile duine eile a tha còmhla rium cuideachd, a h-uile duine a bhios a' dol air an A9, ach gu h-àraid na làraidhean."
Tha Elaine den bheachd gu bheil grunn rudan air cùl thubaistean air an A9.
Thuirt i nach robh cuid de dhraibhearan a' tuigse soidhnichean-rathaid, agus gum bi cuid a' feuchainn ri faighinn seachad air a làraidh ann an àitichean cunnartach.
"Nam biodh an rathad dà-fhìllte fad na h-ùine bho Inbhir Nis gu Peairt bhiodh e gu math diofraichte," thuirt i.
"Bhon dh'fhaodadh càraichean a dhol seachad nuair a bha iad ag iarraidh, agus cha leig thu a leas a bhith iomagaineach."
Bhàsaich 48 neach eadar 2014 agus 2024 an dèidh tubaistean air an A9 eadar Inbhir Nis agus Peairt, a rèir fiosrachaidh bho Riaghaltas na h-Alba a fhuair Eòrpa tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.
Bha còrr air 80% de na chaill am beatha air pàirtean den rathad nach robh dà-fhìllte.
Thairis air an aon 10 bliadhna, bha 558 neach eile an sàs ann an tubaistean. Bha còrr air 80% dhiubh seo air pàirtean den rathad nach robh dà-fhìllte.
Thuirt an SNP ann an 2007 gun deadh an A9 a dhèanamh dà-fhìllte eadar Inbhir Nis agus Peairt, agus ann an 2011 dh'innis Riaghaltas na h-Alba gum biodh seo deiseil ann an 2025.
Ach sa Ghearran 2023, dh'aidich ministearan nach gabhadh seo a dhèanamh.
Deich mìosan an dèidh seo, dh'innis an riaghaltas gun robh deireadh na h-obrach air a phutadh air ais 10 bliadhna, gu 2035.
Thuirt Rùnaire na Còmhdhail aig an àm, Màiri NicAilein, gun gabhadh prògram ùr a choileanadh agus nach stadadh an obair.
Chaidh dà earran de rathad dùbailte a gabhail a-steach 11 mìle a leasachadh gu slighean dà-fhìllte san 10 bliadhna a dh'fhalbh – ach tha 77 mìle den rathad fhathast ri leasachadh.
Thuirt Laura Hansler, tè-iomairt bhon bhuidhinn 'A9 Dual Action', a tha a' fuireach faisg air an rathad air a' Ghàidhealtachd, gun robh fios aice gun robh togail an rathaid toinnte.
Ach thuirt i: "Gach turas a tha dàil ann… tha sin a' fàgail gun caill cuideigin eile agus teaghlach eile luchd-gràidh air an rathad seo."

Thuirt Rùnaire na Còmhdhail Fiona Hyslop gun robh plana aig Riaghaltas na h-Alba gus an obair dà-fhìllte a chrìochnachadh
Thuirt Rùnaire na Còmhdhail Fiona Hyslop gun robh i a' tuigse gun robh daoine feargach mun dàil san obair gus an rathad a dhèanamh dà-fhìllte.
"Tha call beatha sam bith air an A9, gu dearbha air rathad sam bith ann an Alba, na cùis-uamhais leis fhèin," thuirt i.
"S e rud a th' ann an sàbhailteachd air na rathaidean a tha air leth cudromach dhòmhsa."
Thuirt i nach robh an riaghaltas a' feitheamh gus an obair dà-fhìllte a' gabhail àite, agus gun robh iad air £5m a chosg air ceumanan sàbhailteachd san ùine ghoirid air an A9.
"Cuidichidh rathad dà-fhìllte le sàbhailteachd agus sin aon de na h-adhbharran a tha sinn air tòiseachadh air," thuirt i.
Thuirt Ms Hyslop gun robh rudan aig nach robh smachd aig Riaghaltas na h-Alba air buaidh a thoirt air a' phròiseact, leithid Brexit – an Rìoghachd Aonaichte a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich – agus Covid.
Ach thuirt i: "Tha plana againn, tha sinn a' ruiginn nan clachan-mìle againn."