"Tha sgeulachd an cois gach nì a lorgas tu"

Am pìos umha a lorgadh agus dùil gun robh e san ùir airson còrr is 1,000 bliadhna
- Air fhoillseachadh
Fhuair fear ann am Beinn na Faoghla lorg air pìos umha agus e den bheachd gur ann bho linn nan Lochlannach a thàinig e.
Bha Dòmhnall Mac a' Phì ag obair leis an lorgair-mheatailte aige na ghàrradh ann am Baile nan Cailleach nuair a thàinig e tarsainn air rud fon talamh.
Thog e dealbh dheth agus chuir e aithris gu Mòr-ulaidh Alba ag innse dhaibh càite an deach a lorg.
Thuirt e: "Chaidh a chumail le Mòr-ulaidh Alba agus thuirt iadsan rium nach eil iad buileach cinnteach dè a th' ann ach tha iad a' tomhas gu bheil e a' dol air ais gu eadar 950 agus 1100.
"Cha robh càil ann faisg air. An e cudeigin a bha a' dol seachad bho chionn 1,000 bliadhna agus a chaill e?"
Dòmhnall Mac a' Phì ag innse do BBC Naidheachdan mun rud a lorg e
Fon lagh 's ann leis a' Chrùn a tha stuth arceòlach mar seo, agus thèid beachdachadh air càite am bu chòir dha a bhith air a thaisbeanadh.
Thuirt Mòr-ulaidh Alba nach bi ùine aca coimhead air gu an ath-bhliadhna leis cho trang 's a tha iad.
Chan e a' chiad rud aosmhor a fhuair Mgr Mac a' Phì air a' chroit thar nam bliadhnaichean.
Tha e ag ràdh gu bheil iad a' toirt dealbh dha air mar a bha an t-àite agus gu bheil e "iongantach am fiosrachadh a gheibh thu bhon aon bhonn bheag a thuit 's dòcha bho chionn 300 bliadhna".
Thuirt e: "Tha sgeulachd an cois gach nì a lorgas tu."