Cha cheannaich a' choimhearsnachd Caisteal Armadail

Caisteal ArmadailTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Cho-dhùin Urras Coimhearsnachd Shlèite gun cosgadh e cus dhaibh sealbh a bhith aca air Caisteal Armadail agus thuirt iad nach d' fhuair iad co-dhiù fiosrachadh neo ùine gu leòr airson tairgse a dhèanamh.

Chuir Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill an togalach eachdraidheil is an oighreachd gu lèir air a' mhargaidh sa Mhàrt gun fhios do luchd-còmhnaidh na sgìre.

Thathar air a bhith a' beachdachadh air oidhirp an caisteal agus na gàrraidhean a cheannach às leth na coimhearsnachd on bha coinneamh phoblach sa Ghiblean.

Ann am brath-naidheachd, thuirt Urras Shlèite gun do cho-dhùin am bòrd nach gabh sin dèanamh.

A bharrachd air suim £2.7m airson a cheannach, bhiodh cus airgid a dhìth airson togalaichean a chàradh agus an làrach a thoirt gu ìre shàbhailte - eadar £4m agus £6m tha iad a' tomhas.

Tha iad cuideachd a' cumail a-mach nach d' fhuair iad fiosrachadh mionaideach mu na thathas air a' mhargaidh tràth gu leòr airson leigeil leotha tairgse ullachadh.

Tha suas gu meadhan-là Diaordaoin aig daoine tairgsean a chur a-steach airson a' chaisteil agus an talamh timcheall air. Tha Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill cuideachd a' reic Oighreachd Shlèite. , taobh a-muigh

Fhuair rannsachadh a rinn Riaghladair nan Cathrannasan Albannach nach do bhris iad laghan sam bith le bhith a' rèic na th' aca.

Gàrraidhean Chaisteil Armadail Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bhathar a' beachdachadh air tairgse a dhèanamh às leth na coimhearsnachd airson a' chaisteil agus na gàrraidhean

Tha an dà chuid an t-urras coimhearsnachd agus a' chomhairle coimhearsnachd ann an Slèite air na beachdan mun reic a dhèanamh soilleir.

Thuirt iad: "Tha an dìth chonaltraidh leis a' choimhearsnachd air a bhith sàrachail agus tha sinn airson agus gun tig atharrachadh le sealbhadairean ùra."

Thuirt Donaidh Dòmhnallach, Cathraiche Urras Coimhearsnachd Shlèite: "Tha sinn airson agus gum bi Armadal na ghnothachas soirbheachail, a' toirt obraichean do dhaoine agus a' cumail taic ri gnothachasan eile sa choimhearsnachd.

"Tha sinn airson agus gun tèid aithneachadh cho luachmhòr 's a tha e mar làrach eachdraidheil agus mar àite far a bheil daoine a' toirt spèis dhan àrainneachd agus dualchas na sgìre."