Toiseach-tòiseachaidh ùr airson foghlam na Gaeilge an Èirinn a Tuath

- Air fhoillseachadh
Páistí sona ag foghlaim le chéile.
Sin na briathran a thagh Scoil na Seolta ann an taobh an ear Bheul Feirste mar mhotto - briathran a tha sìmplidh ach làn brìgh ann an sgeulachd na sgoile seo.
A' chiad sgoil amalaichte Ghaeilge ann an Èirinn a Tuath, 's i cuideachd a' chiad sgoil tro mheadhan a' chànain ann an sgìre a tha gu traidiseanta air taobh an aonaidh.
Tha ainm na sgoile cuideachd le brìgh làidir, a' comharrachadh eachdraidh togail shoithichean ann an sgìre far an robh prìomh ghàrraidhean Harland & Wolff bho mheadhan an 19mh linn.
Tha crainn ainmeil na companaidh sin mar chomharra-stìuiridh dhan bhaile gu lèir, agus tha iad a' nochdadh ann an suaicheantas Scoil na Seolta.
Ach chan eil teagamh nach eil an sgoil, a tha a' cur fàilte air na ciad sgoilearan aice an-diugh, a' togail slighe ùr cuideachd.
Mar sgoil amalaichte, tha Scoil na Seolta ag amas air cloinn an dà chuid bho choimhearsnachdan a bha gu traidiseanta Pròstanach agus Caitligeach a thoirt còmhla.
Chaidh a' chiad sgoil dhen t-seòrsa, àrd-sgoil Laggan College ann am Beul Feirste, fhosgladh ann an 1981.
Bha a' chiad sgoil Ghaeilge san dùthaich, Bunscoil Phobal Feirste, air a dorsan fhosgladh deich bliadhna ron sin ann an 1971.

Linda Ervine a bha os cionn na buidhne a rinn iomairt airson an sgoil a stèidheachadh
Tha an tè-iomairt cànain Linda Ervine os cionn na buidhne a tha air an sgoil ùr a thoirt gu bith.
Tha i ag ràdh gu bheil iad airson 's gum bi i mar dhrochaid eadar coimhearsnachdan agus mar mheadhan air sgaraidhean a thaobh creideimh agus poileataigs a dhùnadh.
"'S e slànachadh a tha ann," dh'innis i dhomh.
"Tha pàrantan againn nach eil ag iarraidh tuilleadh an seòrsa treubhachd a bha ann.
"Tha iad ag iarraidh gluasad air adhart."
"Sheall Glaschu dhuinn na bha comasach"
B' ann fad air falbh bho shràidean thaobh an ear Bheul Feirste a nochd am beachd airson na sgoile an toiseach.
Mar phàirt dhen obair aice na manaidsear air Turas, buidheann a chaidh a stèidheachadh ann an 2011 gus ùidh sa Ghaeilge a bhrosnachadh ann an coimhearsnachdan an aonaidh ann am Beul Feirste, thàinig Linda a dh'Alba ann an 2014.
Thadhail i air na h-Eileanan an Iar, an t-Eilean Sgitheanach agus Glaschu.
Fhad 's a bha i ann an Glaschu, chaidh i a chèilidh air an Sgoil Ghàidhlig sa bhaile.
"Bha e na iongnadh dhomh," thuirt i.
"Nuair a bha mi ann, bha i am measg nan sgoiltean a b' fheàrr a bha a' coileanadh ann an Glaschu agus air aon dhen fheadhainn a b' fheàrr ann an Alba gu lèir.
"Bhruidhinn mi ris a' cheannard agus dh'innis i dhomh gun robh sin ri linn buannachdan dà-chànanachais."

Thug turas a Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu brosnachadh mòr dhan iomairt airson Scoil na Seolta
Tha Linda ag ràdh gun do dh'fhosgail an turas seo uinneag dhi air na dh'fhaodadh a bhith comasach ann am Beul Feirste.
Thòisich i a' smaoineachadh air mar a dh'fhaodadh buannachdan dà-chànanachais a bhith air an tabhann ann an taobh an ear a' bhaile, far a bheil coileanadh foghlaim ìosail am measg bhalach gu sònraichte.
"Bha e follaiseach cho soirbheachail 's a bha e agus bha sin mar adhbhar brosnachaidh," mhìnich i.
"Bha e cuideachd ann an sgìre clas-obrach ann an Glaschu, agus sin rud a tha mi fhèin gu math eòlach air, a' tighinn bho leithid de sgìre ann am Beul Feirste.
"Agus chunnaic mi mar a bha sgoil-àraich, bun-sgoil agus àrd-sgoil còmhla air aon làraich a' soirbheachadh.
"Sheall e na bha comasach."
B' i Donalda NicThom ceannard Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu nuair a thadhail Linda.
Thuirt ise gu bheil i "moiteil às an àite bheag a bh' againne ann an sgeulachd na sgoile".
"Nach iad a tha air rathad mòr a thogail airson faighinn chun na h-ìre a tha seo agus mo bheannachd orra. Tha mi a' guidhe gach soirbheachais dhaibh."
Naíscoil na Seolta
Bha grunn phàrantan a bha a' frithealadh pròiseact Turas air a ràdh gum biodh ùidh aca ann am foghlam Gaeilge dhan cuid chloinne.
Chaidh comataidh a stèidheachadh ann an 2018 gus sin a thoirt air adhart.
Às dèidh dàil ri linn a' phandemic, chuir iad romhpa sgoil-àraich, Naíscoil na Seolta, fhosgladh san t-Sultain 2021.
Ach nochd iomairt an aghaidh nam planaichean le feadhainn nach robh ag iarraidh ionad foghlaim Gaeilge san sgìre.
"Cha robh ach àireamh bheag dhiubh ann, ach shoirbhich leotha le bhith a' sgaoileadh mì-fhiosrachaIdh mu ar deidhinn," thuirt Linda.
"Thòisich seo timcheall air a' Chèitean agus an t-Ògmios agus bha sinn an dùil fosgladh san t-Sultain.
"Bha iad a' bruidhinn mu dheidhinn fianais a thogail taobh a-muigh na sgoile nuair a dh'fhosgail sinn. Rinn feadhainn dhiubh coimeas le sgoil Holy Cross (sgoil Chaitligeach far an deach fianais aimhreiteach a thogail le buidhnean dìlseach ann an 2001) agus dh'fhàs e follaiseach dhuinn nach b' urrainn dhuinn a dhol air adhart aig an làraich sin."
Lorg iad àite eile aig eaglais san sgìre agus dh'fhosgail iad san Dàmhair 2021. Bha iad mìos air dheireadh agus le sianar chloinne san sgoil-àraich, is cuid de phàrantan air roghainnean eile a thaghadh dhan cuid chloinne ri linn na h-iomairt agus an mì-chinnt a thàinig na chois.

Ann an 2022 ghluais iad a-rithist gu eaglais Chlèireach Garnerville agus mean air mhean thàinig fàs air na h-àireamhan aca.
A-riamh leis an amas bun-sgoil a stèidheachadh, le rùm airson aite-cluich a-muigh dhan chloinn, chaidh aca air fearann fhaighinn air màl ann an 2024 airson togalach a stèidheachadh.
Ach thòisich iomairt an uairsin le buidhnean dìlseach an aghaidh nam planaichean airson na làraich sin.
Chuir Comhairle nan Coimhearsnachdan Dìlseach, a tha a' riochdachadh, am measg eile, buidhnean toirmisgte an Ulster Volunteer Force (UVF) agus an Ulster Defence Association (UDA), coinneamh air dòigh le ministear an fhoghlaim, far an do dh'iarr iad air stad a chur air an sgoil.
Chaidh postairean fuadain a chruthachadh a' cleachdadh ìomhaigh Linda agus nochd bratach air feansa na sgoile ag iarraidh orra gluasad.

Tha cuid de bhuidhnean dìlseach air a bhith a' cur an aghaidh nam planaichean bho nochd iad bho thùs
"Tha mise air a bhith a' dèanamh na h-obrach seo airson 13 bliadhna agus chaidh tòrr ionnsaighean a dhèanamh orm," thuirt Linda.
"Ach bha rudeigin mu dheidhinn na h-iomairt an-uiridh a bha gu sònraichte duilich.
"Chaidh stuthan fuadain a chruthachadh mu mo dheidhinn agus chaidh a ràdh gur e breugadair a bh' annam.
"Agus cha robh mi ann an suidheachadh far am b' urrainn dhomh mi fhèin a dhìon, oir cha robh mi ag iarraidh ocsaidean a thoirt dhaibhsan a bha a' dèanamh nan ionnsaighean. Bha sinn airson cùisean a chumail cho socair 's a b' urrainn dhuinn oir 's ann mu dheidhinn clann òga a tha seo."
Ged a tha an iomairt an aghaidh na sgoile air a bhith dùbhlanach, tha iadsan a tha an sàs ann air misneachd agus spionnadh fhaighinn bhon taic mhòir a tha air tighinn bho iomadh ceàrnaidh.
Fhuair iad còrr is 1,500 teachdaireachd taice thairis air aon deireadh-sheachdain an-uiridh.
Aig là fosgailte a chùm iad san Fhaoilleach, nochd còrr air 40 teaghlach, agus thàinig àireamhan mòra a-mach a-rithist airson là spòrs a bh' aca as t-samhradh.

'S e bratach ag innse dhan h-uile duine gun robh fàilte orra aig là spòrs a chuir Scoil na Seolta air an fheansa aca
Sna mìosan mu dheireadh, tha an iomairt an aghaidh na sgoile air a dhol sàmhach, agus tha comataidh na sgoile air leantainn orra leis an obair ullachaidh aca airson an-diugh.
Tha Linda ag ràdh gu bheil e daonnan air a bhith comasach dhaibh sin a dhèanamh is fios aca gu bheil iarrtas ann agus gum bi an sgoil soirbheachail.
Bha sin ri fhaicinn gu soilleir nuair a ghabh seachdnar chloinne na ciad cheumannan aca ann am foghlam na bun-sgoile aig Scoil na Seolta an-diugh.

Na ciad sgoilearan air a' chiad là aca sa sgoil ùir
Thuirt an tidsear aca Ciara Moore gur e là sònraichte a bh' ann dhaibh.
"'S e slighe fhada tha air a bhith ann a dh'ionnsaigh an là seo," thuirt i.
"Bha na teaghlaichean uile cho toilichte agus a bhith a' faicinn na cloinne ann an èideadh na sgoile, agus iad cho dòigheil a thighinn a-steach, bha e dìreach àlainn."

Thuirt an tidsear Ciara Moore gur e "slighe fhada a bh' ann faighinn chun an là seo"
Thuirt pàrantan gu bheil iad taingeil agus moiteil às a' cothrom seo a bhith ann don cuid chloinne.
"Chan e rud beag a th' ann gu bheil seo a' tachairt ann an taobh an ear Bheul Feirste, leis an eachdraidh a th' anns an sgìre seo," thuirt Wilhelmina Peace.
"'S e togalach àlainn a th' ann. Tha tòrr dòchais agus tòrr gaoil air a dhol a-steach dhan togalach seo agus 's e urram air leth a th' ann a bhith mar phàirt dhen choimhearsnachd seo."