Gàirdeachas an Colbhasa agus sgeama taigheadais ùr a' fosgladh gu h-oifigeil

Rinn eileanaich dannsa rathaid airson fosgladh oifigeil nan taighean ùra a chomharrachadh
- Air fhoillseachadh
Chaidh cuirm a chumail ann an Colbhasa a' comharrachadh mar a thogadh naoi taighean eile a bhios ri fhaotainn aig prìs reusanta do luchd-còmhnaidh an eilein.
Thòisich am pròiseact aig Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd Cholbhsa (CCDC) bho chionn ceithir bliadhna.
Uile gu lèir chaidh aca air 12 taigh ùr a thogail.
Tha dòchas ann gun tèid sgeama taigheadais eile a leasachadh ann an Colbhasa sna bliadhnaichean ri thighinn.

Caitlin NicNèill
Chruinnich muinntir an eilein aig na taighean ùra Diciadain far an do rinn iad Strip the Willow air an rathad.
Chaidh na taighean fhosgladh gu foirmeil le BPA Earra-Ghàidheal is Bhòid, Jenni Minto.
Chan eil ach beagan agus 120 duine a' fuireach ann an Colbhasa agus, cleas iomadh sgìre dhùthail eile, tha dìth taigheadais na thrioblaid agus na h-uimhir de dhàrna dachaighean ann.
'S e daoine òga a chumail ann agus an t-eilean ath-bheòthachadh amas an leasachaidh.
"Chan ann dhuinne a tha na taighean ùra a-mhàin ach dhan ath-ghinealach agus airson na coimhearsnachd air fad," thuirt Caitlin NicNèill a fhuair aon de na taighean.

Tha 12 taigh ùr ri fhaotainn do dh'eileanaich aig prìs reusanta
Cha b' ann gun strì a thàinig am pròiseact gu buil mar a mhìnich Callum Hay bho Chompanaidh Leasachaidh Coimhearsnachd Cholbhasa.
"Aig an fhìor thoiseach b' fheudar dhuinn dèiligeadh ri glasaidhean-sluaigh Chovid agus chuir Brexit cosgaisean stuth togail an-àirde.
"Bha stoirmean mòra ann cuideachd air a' gheamhradh a dh'fhàg cùisean duilich dhan luchd-togail agus, mar a tha fios aig eileanaich eile, bha trioblaidean ann le seirbheisean ChalMac.
"'S e dùbhlan fìor mhòr a th' air a bhith ann ach tha sinn air ar dòigh glan le saothar na companaidh-togail agus gu bheil sinn ann an seo an-diugh agus am pròiseact ullamh."
Thug Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean maoineachadh seachad airson a' phròiseict.
Fhuair iad taic luach £1.1m bhon chompanaidh-bhradan MOWI gus trì de na taighean a thogail dhan luchd-obrach acasan.
Thuirt Stiùiriche Teicnigeach le MOWI, Dougie Hunter: "Tha sinn gle thoilichte gu bheil na taighean coimhearsnachd ùra a-nis deiseil agus bu mhath leinn meal an naidheachd a chur air CCDC airson seo a choileanadh."

Tha Callum Hay ag ràdh gu bheil planaichean leasachaidh eile san amharc aca
Chan eil sa sgeama ùr ach toiseach tòiseachaidh agus planaichean leasachaidh gu leòr eile aig CCDC.
Thuirt Callum Hay: "Tha talamh gu leòr againn airson seo a dhèanamh a-rithist.
"Beagan mhìosan air ais cheannaich sinn croit ùr san eilean agus bidh sin ri fhaotainn air mhàl agus an ath-mhìos bidh sinn a' bruidhinn ri màladairean sa bheil ùidh innte.
"Tha fhathast trì làraichean ann far am faod daoine taigh a thogail iad fhèin agus 's dòcha gun tog sinn fhèin iad.
"Mar sin, chan eil pròiseactan a dhìth òirnn!"

Thog a' chompanaidh-èisg MOWI trì de na taighean airson an luchd-obrach