Cead ga mholadh do dh'ionad bataraidh faisg air Gleann Afraig

Gleann AfraigTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha oifigich Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh cead a thoirt do dh'ionad stòraidh bataraidh ùr faisg air Tèarmann Nàdair Nàiseanta Ghleann Afraig.

Thuirt oifigich, ma thèid cead a thoirt seachad, gun cùm e taic-dealain ris a' Ghriod Nàiseanta aig na h-amannan as trainge.

Tha iad a' moladh do bhuill Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas cead a thoirt dhan ionad nuair a choinnicheas iad an ath-sheachdain, le na h-uimhir de chùmhnantan na chois.

'S iad a' chompanaidh Logan PM a tha ga chur air adhart.

Chuir a' chomataidh co-dhùnadh dheth san Lùnastal gus an robh iad air tadhal air an làraich.

Gearanan

Dheadh an t-ionad a thogail 3km deas air baile Chanaich, ri taobh trì taighean agus faisg air ionad stòraidh bataraidh eile a tha ga thogail an-dràsta.

Chan eil an làrach fhèin am broinn sgìre ghlèidhte nàdarra no dualchais sam bith, ach tha e faisg air grunn sgìrean den leithid, nam measg Tèarmann Nàdair Nàiseanta Ghleann Afraig.

Bhiodh 28 moidiùil stòraidh chumhachd na lùib, a bhiodh uile os cionn na talmhainn 's mu 76m de dh'fhaid an urra.

Bhiodh cuideachd 14 paidhir thionndairean agus ionad stiùiridh dealain, a thuilleadh air àite stòraidh fa leth, an cois an leasachaidh.

Chaidh co-chomhairle phoblach a chumail air a' mholadh ann an 2023, nuair a rinneadh 66 gearan na aghaidh.